Louis Charles Delescluze
Louis Charles Delescluze | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
1848 - 1848
1848 - 1848
8 dhen Ghearran 1871 - 31 dhen Mhàrt 1871 Sgìre: Seine (en) | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Dreux, 2 dhen Dàmhair 1809 | ||||||
Dùthaich | An Fhraing | ||||||
Ciad chànan | Fraingis | ||||||
Bàs | Paris, 25 dhen Chèitean 1871 | ||||||
Àite-adhlacaidh |
cladh Père Lachaise Grave of Charles Delescluze (en) | ||||||
Nàdar a’ bhàis | death in battle (en) | ||||||
Teaghlach | |||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||
Foghlam | |||||||
Cànain | Fraingis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, neach-naidheachd, neach-lagha, communard (en) , clèireach neach-lagha agus official (en) | ||||||
Àitichean-obrach | Paris | ||||||
Ballrachd |
Comann Eadar-nàiseanta nam Fir-obrach Comhairle na Coimhearsnachd Commission exécutive of 1871 (en) Comataidh na Slàinte Poblaiche | ||||||
B' e neach-poileataigs, neach-aithris agus rèabhlaideach sòisealach às An Fhraing a bh' ann an Louis Charles Delescluze (Dreux, 2 an Dàmhair, 1809 - Paris, 25 an Cèitean 1871).[1] Bha esan an lùib a' Chomainn Pharis agus chaidh a mharbhadh ga dhìon.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh e ann an Dreux, eadar Chartres agus Évreux, ann an ceann an tuath na Frainge, nuair a bha an dùthaich fhathast fo bhuaidh Napoleon Bonaparte agus thogadh e tro bliadhnaichean dorcha na rìoghachd an a dhèidh. Bhuineadh e do theaghlach bhùirdeasach agus rinn e lagh san oilthigh ann am Paris. Cha robh e ach 21 bliadhna a dh' aois nuair a bha e an lùib na còmhstri airson na saorsa.
Dh' fhàs e gu math dlùth air rèabhlaidich eile a bha an aghaidh na stàite, mar Jarosław Dąbrowski, Eugène Varlin agus Auguste-Jean-Marie Vermorel.[2] B' ann ann am Paris a chaochail e, nuair a bha e 62 bliadhna a dh'aois, agus na caraidean aige. Chaill An Fhraing cogadh an aghaidh na Prùise agus bha am baile air a chuairteachadh le feachdan bho thall thairis. Thoisich ar-a-mach nan daoine bochda an aghaidh nan Gearmailteach, an Riaghaltais agus nan Monarcach. Chaidh a mharbhadh a' dìon na rèabhlaide.
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 1930, is mòr-chuid aig na Sòisealaich agus na Comunnaich sa Chomhairle, dh'ainmich sràid sa 11mh arrondissement (sgìre ann am Paris) an a dhèidh.[3]
Aistean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Somhairle MacGill-Eain
- Vladimir Lenin
- Leon Trotsky
- Mao Zedong
- Co-mhaoineas
- Marxachas
- Rosa Lucsamburg
- Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba
Ceanglaichean A-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Marcel Dessal, Un révolutionnaire jacobin, Charles Delescluze, 1809 - 1871, 1952
- ↑ Muzeum Niepodległości w Warszawie
- ↑ Mairie de Paris