Louis Charles Delescluze

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Louis Charles Delescluze
Louis Charles Delescluze.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Flag of France.svg Dreux, 2 an Dàmhair, 1809
Bàs Red flag.svg Paris, 25 an Cèitean 1871)
Dreuchd Saighdear, Oifigear, Rèabhlaideach sòisealach, Neach-poileataigs
Cànan Fraingis
Dùthaich An Fhraing
Creideamh Neo-dhiadhaire

B' e neach-poileataigs, fear-aithris agus rèabhlaideach sòisealach às An Fhraing a bh' ann an Louis Charles Delescluze (Dreux, 2 an Dàmhair, 1809 - Paris, 25 an Cèitean 1871).[1] Bha esan an lùib a' Chomainn Pharis agus chaidh a mharbhadh ga dhìon.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann an Dreux, eadar Chartres agus Évreux, ann an ceann an tuath na Frainge, nuair a bha an dùthaich fhathast fo bhuaidh Napoleon Bonaparte agus thogadh e tro bliadhnaichean dorcha na rìoghachd an a dhèidh. Bhuineadh e do theaghlach bhùirdeasach agus rinn e lagh san oilthigh ann am Paris. Cha robh e ach 21 bliadhna a dh' aois nuair a bha e an lùib na còmhstri airson na saorsa.

Dh' fhàs e gu math dlùth air rèabhlaidich eile a bha an aghaidh na stàite, mar Jarosław Dąbrowski, Eugène Varlin agus Auguste-Jean-Marie Vermorel.[2] B' ann ann am Paris a chaochail e, nuair a bha e 62 bliadhna a dh'aois, agus na caraidean aige. Chaill An Fhraing cogadh an aghaidh na Prùise agus bha am baile air a chuairteachadh le feachdan bho thall thairis. Thoisich ar-a-mach nan daoine bochda an aghaidh nan Gearmailteach, an Riaghaltais agus nan Monarcach. Chaidh a mharbhadh a' dìon na rèabhlaide.

Urraman[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1930, is mòr-chuid aig na Sòisealaich agus na Comunnaich sa Chomhairle, dh'ainmich sràid sa 11mh arrondissement (sgìre ann am Paris) an a dhèidh.[3]

Aistean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Marcel Dessal, Un révolutionnaire jacobin, Charles Delescluze, 1809 - 1871, 1952
  2. Muzeum Niepodległości w Warszawie
  3. Mairie de Paris