Loch Fada, Port Rìgh
Co-chomharran: 57°27′54″N 6°10′53″W / 57.465000°N 6.181500°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Fada.[1] Tha e suidhichte ann an Tròndairnis anns an Eilean Sgitheanach. Tha e na laighe air an làimh chlì den rathad A855 eadar Port Rìgh is Stafainn. Tha Loch Leathan san àirde a tuath dheth. 'S e sreath de dà loch a th' annta a tha ceangailte le abhainn ghoirid. Canar Storr Lochs riutha cuideachd sa Bheurla. [1]
Tha an loch seo cho mòr ri 33.2 ha (82 acair). 'S e 3.7 km (2.3 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 1.4 km a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Tha eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 145 m (476 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 2.6 km (1.6 mìle) air falbh bhon mhuir.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG493493
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Sreath de lochan le Loch Leathan air a bheulaibh is Loch Fada air a chùlaibh
Loch Beag • Lochan a' Bhealaich Bhig • Loch Cleap • Loch Cleat • Loch Corcasgil • Loch Cuithir • Loch Droighinn • Loch Dubhar-sgoth • Loch Fada • Loch Fada • Loch Hasco • Loch Langaig • Loch Leathan • Loch Leum nam Bradh • Loch Liuravay • Loch Leum na Luirginn • Loch Mealt • Loch Mòr • Loch Scamadal • Loch Sheanta • Loch Sneosdal