Jump to content

Loch Leathan

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°29′07″N 6°09′59″W / 57.485300°N 6.166500°W / 57.485300; -6.166500

Sealladh air Loch Leathan
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Leathan
Suidheachadh Loch Leathan anns an Eilean Sgitheanach

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Leathan.[1] Chòmhla ri Loch Fada canar Storr Lochs riutha cuideachd sa Bheurla.[1] Tha e suidhichte ann an Tròndairnis anns an Eilean Sgitheanach. Tha an rathad A855 a' dol seachad air bruach an locha. Tha e na laighe deas air an àite far a bheil an Stòrr. Tha Lochan a' Bhealaich Bhig san iar dheth.

Tha an loch seo cho mòr ri 119.9 ha (296.3 acair). 'S e 9.5 km (5.9 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 2.5 km a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Tha eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 136 m (446 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 1.6 km (1 mìle) air falbh bhon mhuir. Tha dama aig ceann a tuath an locha.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 Fiosrachadh aig British Lakes[dead link]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG503515