Jump to content

Stafainn

O Uicipeid
Stafain agus Lùb Stafain

Is e sgìre (reachdail) Eaglais na h-Alba agus sgìre croitearachd air taobh sear Tròndairnis Eilean Sgitheanach a th' ann an Stafainn[1]. Tha an sgìre sìnte fo charnaich Cuithe Fhraing bhon Leth Allt gu deas thairis gu Cille Moluaig air Tuath.

Tha Stafainn a' gabhail a-steach grunnan bailtean croitearachd: a-nios bho deas: An Leth Allt, Clachan, Dìg, Flòdaigearraidh is Baile Mhic Chuinne.

Tha An Clachan, far a bheil Eaglais na h-Alba agus Eaglais Shaor còmhla le bun-sgoil agus Ionad "Columba 1400" suidhichte aig 57° 37′ Tuath agus 6° 13′ Iar. Tha bùth, talla, taighean beaga agus ionad pheatroil sìnte a mach ri taobh an rathaid eadar Clachan agus Digg.

A-rèir staitistearachd ann an 2001, b' urrainn do 61% den t-sluagh Gàidhlig a bhruidhinn is a thuigsinn. [2] Ann an 2010 bha Gàidhlig aig 25 cloinne a-mach à 30 ann an Bun-sgoil Stafainn.[3]

Ann an 2010 bhuaileadh an tiotal "Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna" air le Comann na Gàidhlig. 'S e a’ chiad turas a bha an fharpais air a bhith ann. Fhuair a' choimhearsnachd a’ phrìomh dhuais de thrì mìle not (£3,000).[4]

Tha clachan Diùrasach ann an Stafainn anns an fhuaireadh annta lorgan agus fosailean de chnàimhean dìneasair. ’Nam measg tha Dearcmhara, ichthyosaur a bha beò mu 170 millean bliadhna air ais. Dh’aithneachadh e mar gné ùr de dhìneasair ann an 2015 agus thugadh an t-ainm Gàidhlig “Dearcmhara” air.[5]

Urras an Taobh Sear

[deasaich | deasaich an tùs]

Chuireadh Urras an Taobh Sear an cois ann an 1994 air sgàth 's gun robh dragh air daoine leis mar a bha àireamh-sluaigh na sgìre a' crìonadh.[6]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ainmean Àite na h-Alba
  2. Mac an Tàilleir, Iain (2004) 1901-2001 Gaelic in the Census (PowerPoint) Linguae Celticae. A tarraing air: 22 an t-Sultain 2010
  3. Ross, John (18 an t-Sultain 2010) "Second school set to replace English with Gaelic as classroom language". Dùn Èideann: The Scotsman. A' tarraing air 22 an t-Sultain 2010.
  4. Stornoway Gazette: Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna Sgrìobhte 1d Sultain 2010. A' tarraing air 10 Samhain 2014
  5. BBC Naidheachdan 2015-01-12: Ainm Gàidhlig air dìneasair ùr (air a tharraing 2015-01-20)
  6. Eachdraidh an Urrais aig Làrach-lìn an Urrais

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]