Linn Mheadhanach na Cloiche
Tha Meadhan Linn na Cloiche no Meso-liotaig, bho 10,000 gu 5,000 bliadhna, a' dol air ais gu deireadh na Linne Deighe mu dheireadh.
Aig an àm sin bha teòthachd an t-saoghail ag èirigh. Bha ìre na mara ag èirigh seach gun robh eigh-shruthan a’ leaghadh. Rè Meadhan Linn na Cloiche, gheàrr a' mhuir Èirinn far Bhreatainn agus far a' chòrr dhen Roinn Eòrpa. Bha coilltean a' còmhdach mòran dhen dùthaich.
B' e sealgairean-tionail a bh' anns na daoine aig an àm. Bhiodh sealgairean-tionail a' sealg bheathaichean fiadhaich agus ag iasgach airson tòrr dhen bhiadh aca. Bhiodh iad cuideachd a’ cruinneachadh mheasan, chnothan, lusan, fhreumhaichean agus shligean airson am biadh atharrachadh beagan. Bha na sealgairean-tional sin cuideachd air tòiseachadh a’ callachadh bheathaichean a leithid crodh agus caoraich.
Làrach meadhan linn na cloiche aig Ceann Locha air Rùm
[deasaich | deasaich an tùs]Thug cladhach arc-eòlais aig Ceann Locha air Rùm dhuinn an fhianais as tràithe mu thuineachadh dhaoine ann an Alba. Sheall fianais deiteadh rèidio-carbon ann an Ceann Locha gu bheil daoine air a bhith an sin bho co-dhiù c.6600 RC. Chaidh cnothan calltainn loisgte agus na mìltean thar mhìltean de bhleideagan cloiche bho dhèanamh innealan a lorg aig an làrach. Dh’fhaodadh gu bheil fianais air tuill-bacain a' sealltainn fasgadh on ghaoith, pàirtean de bhothain de sheiche is de bhacain no àitean-fasgaidh far am biodh daoine ann am Meadhan Linn na Cloiche a’ fuireach nuair a bha iad a’ tadhal san eilean.
O chionn mìltean de bhliadhnaichean bha daoine a' siubhal a Rùm air taobh siar Alba airson clach-fala a chruinneachadh gus innealan a dhèanamh. Chaidh nithean àrsaidh air an dèanamh de chloich-fala à Rùm a lorg aig làraich ann an Eige, Canaigh agus san Eilean Sgitheanach agus air làraich eile còrr is 70km on eilean.
Tuilleadh Leughaidh
[deasaich | deasaich an tùs]- RCAHMS Site Record, Kinloch, Rum (en)