Jump to content

Liberec

O Uicipeid
Liberec
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Seic
Ceàrn Liberec-město
Sgìre Liberecký kraj
Co-chomharran 50° 43 00' Tuath
15° 04 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 106.1 km²
Àireamh-shluaigh 102,562 (2017)
Dlùths 966.65/km²
Àireamh fòn + 599
Duilleag oifigeil http://www.liberec.cz

'S e baile mòr agus sgìreachd (Seacais: okres) ann an ceann a tuath Poblachd nan Seiceach a th' ann an Liberec (IPA: lɪbɛrɛt͡s, Gearmailtis: Reichenberg). Tha Liberec suidhichte air na crìochain leis A' Phòlainn agus A' Ghearmailt, eadar Jelenia Góra agus Dresden san roinn (Seacais: kraj) Liberecký, ri taobh na h-Aibhne Lužická Nisa (Gearmailtis: Lausitzer Neiße), aig 374m os cionn ìre na mara. Tha 102,562 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an còigeamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1348 agus bhuineadh e do Albrecht Václav Eusebius z Valdštejna bho 1622 gu ruige 1634[2] agus an uair sin dhan Ostair-Ungaire ro 1918. Chlàradh an t-ainm Gearmailteach ann an 1352 mar Reychinberch agus an t-ainm Seacach ann an 1592 mar Lychberk: b' e gu robh am fuaim R ann an Gearmailtis ag atharracha dh gu L ann an Seacais.[3] Bheireadh sin Beinn Bheairteach dhuinn sa Ghàidhlig. Dh'fhàs Liberec gu math beairteach anns an 16mh Linn air sàilleabh gu robhar a' dèanamh a' chlotha an seo. Chuir Cogadh nan 30 Bliadhna agus a' phlàigh às do mhalairt aig deireadh an 17mh Linn. Thoisich Tionndadh Gnìomhachais an seo fad an 19mh Linn la tòrr mhuilinn-aodaich ann ach thàinig sin gu crìoch anns na 30an.[4] Theich na Iùdhaich a bha nan tàmh an seo ann an 1938 nuair a thug Hitler ionnsaigh air an sgìre air fad, air an robh Sudetenland.[5] B' e baile dà-chànanach a bh'ann ron an Dàrna Cogaidh ach chaidh cha mhor a h-uile daoine aig an robh Gearmailtis a chur às an dùthaich ann an 1946.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cunntas-sluaigh na Stàite
  2. Český Ráj
  3. Fonetika
  4. ERIH[dead link]
  5. Jewish Gen
  6. New York Times

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]