B' e matamataigear às an Eilbheis a bha ann an Leonhard Euler.
Rugadh e ann am Basel, 15 Giblein 1707, is cha do dh'ionnsaich e matamataig mus deach e gu Oilthigh Bhasel aig aois 14, far an do theagaisg Johann Bernoulli e. Fhuair e obair aig Acadamh nan Saidheansan ann an St Petersburg ann an 1726 is dh'imrich e dhan Ruis ann an 1727. Ann an 1741 thug Frederick Mòr cuireadh dha a dhol gu Berlin far an do stèidhich an Rìgh Acadamh nan Saidheansan ùr is mhair Euler an sin 25 bliadhna. Thill e gu St Petersburg ann an 1766. Ged a dh'fhàs e dall an dèidh do thinneas dh'obraich e air fradharc-eòlas am measg seòrsaichean eile de mhatamataig is de fhiosaig. Chaochail e le fuil-ruith 18 Sultain 1783.[1]
↑O' Connor, J J ⁊ Robertson, E F (An t-Sultain 1998): “Leonhard Euler”. MacTutor History of Mathematics Archive. Oilthigh Chill Rìmhinn. Air a thogail 20mh dhen Fhaoilleach 2021.