Landskrona

O Uicipeid
Landskrona
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Skåne
Sgìre Skåne län
Co-chomharran 55° 52 13' Tuath
12° 49 49' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12.09 km²
Àireamh-shluaigh 30,499 (2010)
Dlùths 2,522.66/km²
Àireamh fòn (+ 46) 418
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile[1] meadhanach air an àirde an iar-dheas na Suaine a th' ann an Landskrona. Tha e suidhichte eadar Helsingborg agus Malmö, ri taobh a' chaolais Öresund, faisg air An Danmhairg anns an roinn (Suainis: län) Skåne,[2] 497km air falbh bho Stockholm (prìomh-bhaile na dùthcha), 527km bho Uppsala, 209km bho Göteborg agus 956km bho Umeå.[3] Tha 30,499 duine a' fuireach ann.[4] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1413.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à krona (Gàidhlig: crùn) agus Land (Tìr) ann an Suainis a tha an t-ainm.[5] Bheireadh sin Crùn na Tìre dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. B’ e Sønder Sæby an t-seann ainm a bha air a’ bhaile iasgaich a bh’ ann aig an toiseach tòisichidh. Chaidh an t-ainm atharrachadh mu 1450.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Landskrona a stèidheachadh leis an Rìgh Erik af Pommern ann an 1413,[6] ann an àite a bha uabhasach fàbharach do mhalairt air sàilleabh gu robh deagh phort ann, leis an cidhe na b’ fheàrr ann an Caolas Öresund air fad. B’ e gu robhar ag iomairt an aghaidh na Lìoga Hansa, a bha fa leth cumhachdail san sgìre aig an àm. Chaidh manachainn a thogail an seo ann an 1410, bhuilich còirichean do luchd-mhalairt à Sasainn ann an 1412 agus fhuair am baile fhèin a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus malairt mu dheireadh ann an 1413. Thug am baile taic dhan Rìgh Christian II na Danmhairge ann an 1525 agus cha do ghabh e ris an Ath-Leasachadh ann an 1535. Chaill Landskrona an dà thuras.[7]

Thogadh caisteal an seo ann an 1559, air seann làrach na manachainn Chaidh Landskrona agus Scåne air fad a thoirt a-steach dhan t-Suain ann an 1558.[8] Ged a bha an t-àite fhèin fàbharach do mhalairt agus gnothaichean nam feachdan armachd, bha an t-suidheachadh poileataigeach leis an Danmhairg cho cugallach nach do leasaich malairt sa bhaile idir agus chaidh bunait a’ Chabhalaich a stèidheachadh thall ann an Karlskrona, seach an seo. Ann an 1680 fiù 's chleachd an rìgh Karl XI ainm a' bhaile seo airson baile eile air an taobh thall na dùthcha: Karlskrona. Dh’ fhàg an t-arm an gearastan ann an 1869. Cha do dh’fhàs am baile ach aig deireadh an 19mh Linn leis gu robh Tionndadh Gnìomhachais ann agus thogadh gàrradhaidhean-soithichean an seo.[9] Sgrìobh Selma Lagerlöf a' chiad nobhail aice an seo ann an 1881. B' ann ann an Landskrona a thoisich Rolf Lassgård air an àrd-ùrlair leis an Skånska Teatern.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Svensk Geografi
  2. Nationalencyklopedin
  3. Luftlinie
  4. Statistika Centralbyrån
  5. Runeberg
  6. Danmarks Historien
  7. Carlquist, Gunnar, red (1933). Svensk uppslagsbok. Bd 16. Malmö: Svensk Uppslagsbok AB, 818-19
  8. Citadellet
  9. Varvhistoriska
  10. IMDB

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]