Kristján Jónsson
| Kristján Jónsson | |||
|---|---|---|---|
|
| |||
14 dhen Mhàrt 1911 - 24 dhen Iuchar 1912 ← Björn Jónsson - Hannes Þórður Pétursson Hafstein → | |||
| Beatha | |||
| Breith |
Gautlönd (en) | ||
| Dùthaich |
| ||
| Bàs | Reykjavík, 2 dhen Iuchar 1926 | ||
| Foghlam | |||
| Foghlam | Oilthigh Copenhagen | ||
| Dreuchd | |||
| Dreuchd | neach-poileataigs agus britheamh | ||
| Creideamh | |||
| Pàrtaidh poileataigeach | no value | ||
B' e bancair, breitheamh, neach-lagha, agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Kristján Jónsson.[1] Rugadh e air 4 am Màrt 1852 ann an croit air a bheil Gautlönd (Norðurland eystra).[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Copenhagen. Chuir e seachad bliadhnaichean ag obair às leth na stàite: na sgrìobhadair neach-tomhais talmhainn (1876 – 1877), na choimiseanair sgìreil ann an Gullbringu- og Kjósarsýslu (1878 – 1886), na bhreitheamh aig caochladh ìre ann an Cùirtean Nàiseanta (1886 - 1911) agus na neach-sgrùdaidh nan cunntasan nàiseanta (1889 - 1895). Bha e an sàs ann am banca Landsbanki bho 1898 gu ruige 1920.[3] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1893. Bha e na Ráðherra Íslands (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) neo-eisimeileach bho 1911 gu ruige 1912. Phòs e aig Anna Þórarinsdóttir Eggerz ann an 1880 agus fhuair iad seachdnar duine cloinne còmhla.[4] Bha a chliamhainn Sigurður Eggerz na phrìomh-mhinistear bho 1914 gu ruige 1915 agus eadar 1922 agus 1924. Chaochail Jónsson ann an Reykjavík air 2 an t-Iuchar 1926.[5] Tha iar-ogha Jónsson, Jon Bodvarsson, na chluicheadair ball-coise.[6]
Caibineit Jónsson
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]| Ro-theachdair: Björn Jónsson (1911) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Hannes Þórður Pétursson Hafstein (1912) |