Hannes Þórður Pétursson Hafstein

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Hannes Þórður Pétursson Hafstein
Kbh Hannes Hafsteinn.jpg
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

1 dhen Ghearran 1904 - 31 dhen Mhàrt 1909
← no value - Björn Jónsson
Minister for Iceland

1 dhen Ghearran 1904 - 31 dhen Mhàrt 1909
← no value - Björn Jónsson
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

25 dhen Iuchar 1912 - 21 dhen Iuchar 1914
Kristján Jónsson - Sigurður Eggerz
Beatha
Breith Möðruvallarkirkja í Hörgárdal, 4 dhen Dùbhlachd 1861
Dùthaich  Innis Tìle
Bàs Reykjavík, 13 dhen Dùbhlachd 1922
Àite-adhlacaidh Reykjavík
Foghlam
Foghlam Oilthigh Copenhagen
Cànain Innis Tìlis
Dreuchd
Dreuchd bàrd, neach-poileataigs, sgrìobhadair, neach-lagha agus bancair
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Heimastjórnarflokkurinn

B' e bàrd, bancair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Hannes Þórður Pétursson Hafstein.[1] Rugadh e air 4 an Dùbhlachd 1861 ann an gleann air a bheil Hörgárdalur (Norðurland eystra). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Copenhagen.[2] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1900 agus bha e na labhraiche ann an 1912. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) dà thuras: eadar 1904 agus 1909 airson Heimastjórnarflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh Fhèin-riaghlaidh) agus an uair sin eadar 1912 agus 1914 às leth Sambandsflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh an Aonaidh). Bu dlùth an dàimh a bh' ann eadar Hafstein agus a dheagh charaid Jón Magnússon. Fhad 's a bha Hafstein na mhinistear, chaidh siostam fòn a thoirt dhan dùthaich. Bha Ragnheiður Thors - ogha Hafstein - pòsta aig Jóhann Hafstein. B' e Hafstein a' chiad fhorsætisráðherra Innse Tìle mar dhùthaich fhèin-riaghlach. Chaochail e ann an Reykjavík air 13 an Dùbhlachd 1922.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alþingi
  2. Menntaskólinn í Reykjavík
  3. Gardur

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]