Jump to content

Kramatorsk (Donetska Oblast)

O Uicipeid
Kramatorsk
Крамато́рськ
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Donetska Oblast
Sgìre Kramatorskiy Raion
Co-chomharran 48° 44 21' Tuath
37° 35 03' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 117.1 km²
Àireamh-shluaigh 150,084 (2021)
Dlùths 1,281.67/km²
Àireamh fòn + 380 626(4)
Duilleag oifigeil https://krm.gov.ua/

'S e baile mòr eadar Donetsk agus Kharkiv anns An Ucràin a th' ann an Kramatorsk (Ucràinis: Крамато́рськ, IPA: krɐmɐˈtɔrʲsʲk). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Kazenyi Torets, san roinn Donetska Oblast. Tha 150,084 duine a' fuireach ann.

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1868, nuair a thogadh stèisean rèile tron sgìre. Ann an 1991, thàinig Kramatorsk gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Bhomaich feachdan na Ruise an stèisean air 8 an Giblean 2022 le boma Tochka-U, ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin. Chaidh 57 duine a mharbhadh agus bha 109 duine eile air an goirteachadh.[1] Bhuinneadh àireamh a' bhoma gu sreath bhomaichean a chleachd na Ruiseanaich ann an Siria.

Eòlas-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kramatorsk a' bruidhinn (63.4%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (36.0%).[2] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Kremenchuk tron 20mh Linn, cha b' ann ach an dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[3] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Kramatorsk air thuiteam fad na 21mh Linn.

1923192619391959197019791989200120052016
6.476 12.305 94.114 115.385 149.832 178.163 198.094 181.025 174.892 159.445

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. UNN
  2. Ukcensus
  3. Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]