Neda Nezhdana

O Uicipeid
Neda Nezhdana
Neda Nezhdana, July 2020.jpg
Beatha
Breith Kramatorsk (Donetska Oblast), 8 dhen Ògmhios 1971
Foghlam
Foghlam Kyiv National Linguistic University (en) Translate
Cànain Ucràinis
Dreuchd
Dreuchd theatrologist (en) Translate, eadar-theangair, sgrìobhadair, neach-naidheachd, bàrd agus sgrìobhaiche-dràma

'S e bàrd, cànanaiche, dràmaire, eadar-theangair, neach-aithris agus sgrùdair ciùil às An Ucràin a th' ann an Neda Nezhdana (Fìor ainm: Nadia Leonidivna Miroshnychenko, Ucràinis: Надія Леонідівна Мірошниченко, Pòlais: Neda Neżdana, Kramatorsk 8 an t-Ògmhios 1971.[1] Thug i ceum ann an Eòlas-chànan Romansach on Oilthigh Cànanach Nàiseanta ann an Kyiv agus ann an Eòlas Cultarach on Oilthigh Nàiseanta Kiev-Mohyla. Bho 2001, tha i air a bhith an sàs ann am pròiseactan tèatair san Національний центр театрального мистецтва ім (Gàidhlig: Ionad Nàiseanta Ealain Tèatair), agus ann an 2007 thàinig i gu bhith na stiùiriche air na pròiseactan dràma an sin.[2] Bha i ag obair mar neach-naidheachd don bhuidheann UNIAN. Bha i na stiùiriche litreachais san taigh-cluiche Panas Sacsahanski ann am Bila Tserkva cuideachd.[3] Tha i na co-stèidheadair stiùidio tèatair MIST (tèatar Co-aimsireil Òigridh) ann an Kyiv, na òraidiche aig Oilthigh Nàiseanta Kiev Taras Shevchenko agus ann an taigh-cluiche ann an sgoil phrìobhaideach. Stèidhich i leabharlann de theacsaichean tèatair air a' phortal "Вертеп" (Gàidhlig: "Sealladh breith").[4] 'S ann ann an Kyiv far a bheil i a' fuireach ann.[5] Tha Nezhdana air còrr air 20 dealbh-chluich a sgrìobhadh a bharrachd air sgriobtaichean film, rèidio agus telebhisean. Tha i air eadar-theangachaidhean a dhèanamh bho Bhealaruisis, Fraingis agus Ruisis gu Ucràinis.[6] Bha i na neach-deasachaidh air dà chruinneachadh de dhràma Frangach agus Sèirbis an latha an-diugh. Taing dhi, chaidh dà chruinneachadh de dhràma Ucràineach fhoillseachadh cuideachd:Майдан: До і після (Gàidhlig: Majdan: Ro agus Às deidh) agus Лабіринт із криги та вогню (Gàidhlig: Cuartan Deighe agus Teine).[7]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Неждана, Неда. Котивишня Котивишня [Текст] : зб. віршів / Н. Неждана ; авт. предисл. Б. Жолдак. - К. : Смолоскип, 1996. - 108 с. - ISBN 0-914834-96-7
  2. Teatrfotografii
  3. NPX
  4. Andriej Moskwin, Współczesny dramat ukraiński wobec wojny: na przykładzie sztuki Natalii Worożbyt „Złe drogi”, „Studia Ucrainica Posnaniensia”, 8 (2), 2020, s. 188, DOI: 10.14746/sup.2020.8.2.15.
  5. Неждана, Неда. Провокація іншості : п'єси / Неда Неждана. – К.: Український письменник, 2008. - 227 с.
    • Голос тихої безодні та інші голоси. Антологія сучасної української монодрами : моноп'єси / упоряд. Н. Мірошниченко ; МоноЛІТ. - Київ : Фенікс, 2016. - 319 с. - 500 прим. - ISBN 978-966-136-395-2
  6. Adit
  7. 82-1/-9 Literatura Piękna, „Przewodnik Bibliograficzny”, 2, 72(84), 3 stycznia 2016, s. 73, ISSN 1689-6521.
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: