Jump to content

Kitsman

O Uicipeid
Kitsman
Кіцмань
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Sgìre Chernivetska Oblast
Co-chomharran 48° 26 05' Tuath
25° 45 06' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 6,135 (2021)
Àireamh fòn +380 3736

'S e baile beag eadar Chernivitsi agus Zalishchyky air an àirde an iar na h-Ucràine a th' ann an Kitsman (Ucràinis: Кіцмань, IPA: ˈkitsmɐnʲ, Romàinis: Cozmeni, Pòlais: Kicmań). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Sovytsya, dìreach 30km air falbh bho na crìochan le Romàinia, san roinn Chernivetska Oblast agus tha 6,135 duine a' fuireach ann.

Chaidh Kitsman a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1413. Bhuinneadh am baile do Shluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar bhon t-Samhain 1918 gu ruige A' Cèitein 1919. Ann an 1991, thàinig Kitsman gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.

Eòlas-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kitsman a' bruidhinn (9713%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (21.3%).[1]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ukcensus
  2. IMDB