Zalishchyky

O Uicipeid
Zalishchyky
Заліщики
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Ternopilska Oblast
Sgìre Ternopilskyi Raion
Co-chomharran 48° 39 00' Tuath
25° 44 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7.16 km²
Àireamh-shluaigh 9,021 (2021)
Dlùths 1,259.92/km²
Àireamh fòn + 380 3554
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile beag eadar Ivano-Frankivsk agus Chernivtsi san Ucràin a th' ann an Zalishchyky (Ucràinis: Заліщики, Pòlais: Zaleszczyki, Iùdais זאַלישטשיק, Gearmailtis: Hinterwalden, IPA: zɑːliʃˈtʃiːki). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro, san roinn Ternopilska Oblast. Tha 9,021 duine a' fuireach ann.

Freumh-fhaclachd[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann à dà fhacal ann an Ucràinis: за (air chùlaibh) agus ліс (coille) 's a tha an t-ainm agus 's e na tha an t-ainm ann an Gearmailtis a' ciallachadh cuideachd (Hinterwalden).[1] A dh'aindeoin sin, tha cuid a dhaoine dhen bheachd gur ann à ліщи́на (cnò-calltainn).

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1340. Bha Zalichtchyky na phàirt na Cho-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia bho 1375 gu ruige 1772. Ann an 1594, thog Stanisław Żółkiewski arm ann an Zalishchyky agus dhìon e an sgìre bho ionnsaighean nan Tartar. An uair sin, ann an 1669, chaidh am baile a sgrios gu tur le feachdan Impireachd nan Otomanach, agus cha mhòr nach deach an fheadhainn a thàinig beò a dhubhadh às fo riaghladh an t-sultan Mehmed IV ri linn an Dàrna Cogaidh Pòlaich-Otoman.[2] Chuir feachdan na h-Ostair-Ungaire ruaig air Arm na Frainge air 18 an t-Ògmhios 1809, ri linn Cogadh a' Chòigeamh Co-bhanntachd. Bha Zalishchyky na phrìomh-bhaile Sluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar ann an 1918, an dèidh tuiteam na h-Ostair-Ungaire.[3] Thàinig na Ruineanaich ann an 1939 agus rinn iad geur-leanmhainn air na daoine. Thuit am baile dha na Nàsaich ann an 1941 agus chuir iad gu bàs gach uile Iùdhaich a' bhaile. Fhad' s a bha na Nàsaich ann, bhàsaicheadh na Iùdhaich nam mìltean, an dà chuid aig làmhan nan Gearmailteach agus anns na Campaichean-dùmhlachaidh.[4] Ann an 1991, thàinig Zalishchyky gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Buinneadh Zalishchyky dhan sgìre Zalishchytskiy Raion (Ucràinis: Заліщицький район) gu ruige 2020.

Eòlas-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha aig gach uile duine ann an Zalishchyky a' bruidhinn (100%).[5]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Word Sense
  2. Сергій Леп'явко: Северин Наливайко, Володарі гетьманської булави: Історичні портрети, Автор передмови В. А. Смолій. — К. : Варта, 1994, ISBN 5-203-01639-9.
  3. Dániel Szabó, Zoltán Fónagy, István Szathmári, Tünde Császtvay. "Kettős kötődés : Az Osztrák–Magyar Monarchia (18671918)
  4. Jewish Heritage
  5. Ukcensus
  6. Onet Kultura

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]