Imre Nagy

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Imre Nagy
Nagy Imre igazolványkép.jpg
ball Seanadh Nàiseanta na h-Ungaire


Prìomh-mhinistear na h-Ungaire

4 dhen Iuchar 1953 - 18 dhen Ghiblean 1955
Mátyás Rákosi (en) Translate - András Hegedüs (en) Translate
Minister of Foreign Affairs of Hungary (en) Translate

2 dhen t-Samhain 1956 - 4 dhen t-Samhain 1956
Imre Horváth (en) Translate - Imre Horváth (en) Translate
Beatha
Breith Kaposvár (en) Translate, 7 dhen Ògmhios 1896
Dùthaich  An Ungair
Bàs Budapest, 16 dhen Ògmhios 1958
Àite-adhlacaidh An Cladh Poblach Ùr, Budapest
Plot 301, New Public Cemetery (en) Translate
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (crochadh)
Teaghlach
Cèile Mária Égető (en) Translate
Clann
Foghlam
Cànain Ungairis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, dioplomat agus eaconamaiche
Àitichean-obrach Budapest
Ballrachd Acadamh Ungaireach nan Saidheansan
Seirbheis san arm
Strì An Cogadh Mòr
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Comannach na h-Ungaire
Am Pàrtaidh Ungaireach Comannach
Pàrtaidh Ungaireach nan Obraichean
Pàrtaidh Sòisealach Ungaireach nan Obraichean
Pàrtaidh Sòisealach Deamocratach na h-Ungaire
Pàrtaidh Làbarach Deamocratach Sòisealach (Bolshevik) na Ruise
Pàrtaidh Comannach an Aonaidh Shobhiataich
Clachd-cuimhneachan Imre Nagy

B' e Imre Nagy (IPA: imrɛ ˈnɒɟ, 7 an t-Ògmhios, 1896, chuir gu bàs ann am Budapest 16 an t-Ògmhios, 1958) Prìomhaire Stalineach na h-Ungair air dà thuras agus na riochdaire dioplòmasach.

Bha e ag obair mar ceàrd-glais mus deach e a' shabaid anns a' Chiad Chogadh Mòr. A sin bha e air a thoirt mar phrìosanach ann an 1915 agus thoisich e a bhith na cho-maoineach agus chaidh e a' shabaid anns an Airm Dearg. Troimh na 1930'an agus na 1940'an bha e ag obair airson an Uidheam Teàrainneachd Sobhiat agus leis a seo bha e a' faighinn oifisean anns an riaghaltas.

Stad e ag obair dhaibhsan anns na 1940'an agus thill e chun an Ungair ann an 1944. Ann an sin bha e na Mhinistear airson Àiteachas. Ann an 1953 bha e air a thaghadh mar Prìomhaire na h-Ungaire. Dà bhliadhna as deidh seo ann an 1955 thug feadhainn de na companaich aige air an oifis seo fhàgail seach gun robh e a' fàs robh libearalach. Chleachd e an tìde seo a' mach à oifis a' teagaisg.

Bha e na Phrìomhaire a rithist ann an 1956 troimh taghadh poblach fhad 's a bha an èireachadh ana-Sobhiat ann. Air an 31 den Dàmhair dh'fhoillsich e gun robh an Ungair a' dol a tharraing às bhon Còrdadh Warsaw. Air an 1 den t-Samhainn rinn e iarrtas troimhe an UN gu na cumhachdan mòr mar Breatainn agus na Stàitean Aonaichte ag innse dhaibh mu dheidhinn neo-phàirteachd an Ungair.

Nuair a rinn na Sobhiats ionnsaigh air an Ungair chuir seo stad air an èireachadh agus bha aige, còmhla ri cuid eile a bha ag obair leis, ri dhol chun an ambasaid aig Iugoslàbhia airson tèarmann. Bha e air chuir air làimh air an 22 den t-Samhain agus air thoirt gu Romàinia. Bha e an uairsin air a thoirt air ais chun Ungair. Bha e air a chrochadh agus air a chur gu bàs ann am Budapest anns an t-Òghmios 1958.