Jump to content

Iain MacIllEathain

O Uicipeid
Iain MacIllEathain
Beatha
Breith Ratharsair, 1909
Dùthaich  Alba
Bàs 1969
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd eadar-theangair, bàrd agus tidsear-sgoile

B' e eadar-theangaire, maighstir-sgoile, agus bàrd a bh' ann an Iain MacIllEathain, "Seonaidh an Tàilleir" (1909–1969).

Sgeul-beatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh agus thogadh Iain ann an Ratharsair. Bha athair, Calum MacIllEathain, na thàillear. B' i Cairistìona NicNeacail a mhàthair. Bha còignear ghillean (Iain, Calum, Somhairle, Alasdair, agus Tormod) agus dithis nighean (Iseabail agus Màiri) anns an teaghlach. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Phort Rìgh; an uair sin, chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann far an do rinn e ceum ann an Cànanan Clasaigeach. As dèidh sin, fhuair e ri fhoghlam ann an Oilthigh Chambridge agus aig Oilthigh Vienna. Bha e ag obair mar cheannard Àrd-sgoil an Òbain bho 1950 gu ruige 1966.

Dh'eadar-theangaich e an Odusseia le Homar gu Gàidhlig nuair a leig e a dhreuchd dheth ann an 1966. Dh'fhoillsich Gairm e, mar "Odusseia Homair", ann an 1976[1] is tha e na phàirt dhen chorpas DASG.[2]

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Bliadhna nan Òran - Òrain - Sgrìobhaichean, Iain MacIllEathain”. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2018.
  2. Metadata for text 267, Odusseia Homair”. Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig. Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2018.