Hradec Králové
Hradec Králové
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Hradec Králové | ||||
Sgìre | Královéhradecký kraj | ||||
Co-chomharran | 50° 12 54' Tuath 15° 50 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 105.61 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 92,929 (2017) | ||||
Dlùths | 879.93/km² | ||||
Àireamh fòn | + 420 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.hradeckralove.eu |
'S e baile mòr agus sgìreachd (Seacais: okres) ann an ceann a tuath Poblachd nan Seiceach a th' ann an Hradec Králové (IPA: ɦradɛt͡s ˈkraːlovɛ, Gearmailtis: Königgrätz, Laideann: Reginohradecium/Grecz Reginae). Tha Hradec Králové suidhichte air na crìochain leis A' Phòlainn eadar Pardubice agus Náchod san roinn (Seacais: kraj) Královéhradecký, aig comar nan Aibhnichean Labe (Gearmailtis: Elbe), agus Orlice (Gearmailtis: Adler), aig 235m os cionn ìre na mara. Tha 92,929 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an naoidheamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1062 agus bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918. Chlàradh an t-ainm Gearmailteach mar Königingrätz ach chaidh a ghiorrachadh gu Königgrätz ro 1900. 'S ann à dà fhacal ann an Seacais a tha an t-ainm: hradec (Gàidhlig: caisteal) agus královna (Gàidhlig: banrigh). Bheireadh sin Caisteal na Bànrighinn dhuinn sa Ghàidhlig. B' e gu robh A' Bhanrigh Eliška-Rejčka (1288 - 1335)[2] na tàmh an seo fad corr is 30 bliadhna is am baile na phàirt dubharaidh na Bànrighinn. Anns an 15mh Linn ghabh na daoine à Hradec Králové leis na beachdan aig Jan Hus (1389 - 1415) agus iadsan nan Husaich làidir.[3] Dh'fhàg mòran Pròsdanaich am baile às dèidh Chath Weißen Berg ann an Cogadh nam 30 Bliadhna. Bha am baile fo bhuaidh feachdan Suaine fad 8 mìos ann an 1639.[4] Bha batal eile an seo ann an 1866 (Gearmailtis: Schlacht bei Königgrätz), far an do chuir arm na Prùise ruaig air feachdan na h-Ostair agus Rìoghachd Shagsainn. Cha do dh'fhàs am baile ach anns na 20an is 30an. Chaidh cha mhor a h-uile daoine aig an robh Gearmailtis a chur às a' bhaile is an dùthaich ann an 1946.
Daoine Aimeil
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Cunntas-sluaigh na Stàite
- ↑ A. Swieżawski: Przemysł. Król Polski, Warszawa 2006
- ↑ Husitstvi
- ↑ Geschichte des sieben jährigen Krieges in einer Reihe von Vorlesungen, Preußisch Grosser Generalstab, Berlin, 1824
- ↑ Jesuit