Heldburg
Bad Colberg-Heldburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Hildburghausen | ||||
Sgìre | Thüringen | ||||
Co-chomharran | 50° 16' 50' Tuath 10° 43' 31' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 53.38 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 2,070 (2013) | ||||
Dlùths | 38.78/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)36871 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile beag faisg air Hildburghausen agus Coburg ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann am Bad Colberg-Heldburg. Tha e suidhichte aig 381m os cionn ìre na mara, 80km bho Erfurt, 89km bho Weimar, 88km bho Nürnberg agus 311km bho Bherlin.[1] Tha 2,070 duine a' fuireach ann.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Heldburg a chlàradh airson a' chiad turais air 18 an Dàmhair 837 ann an duilleag Nr.507 nan Codex Eberhardi.[3] B' e prìomh-bhaile na Diùcachd Sagsainn-Hildburghausen a bh' ann bho 1680 gu ruige 1684. Chaidh caisteal a chlàradh an seo ann an 1317, air a bheil Veste Heldburg,[4] a tha suidhichte os cionn a' bhaile shuas air creag a tha 403m a dh'àirde. Chaidh àrainneachd Frangach a thogail ann an 1560 nuair a bha na diùcan nan tàmh sa chaisteal. Chaidh e leasachadh le Georg II. anns an 19mh Linn gu bhith coltach ri Schloss Schwanstein ann am Bayern.[5] Bha e na taigh-cùraim cloinne eadar 1954 agus 1982. Ro 1989 chitheadh na crìochan eadar an DDR agus an còrr dhen Ghearmailt bhon chaisteal. Chaidh am baile a thoirt a-steach gu Thüringen ann an 1920, an dèidh Ar-a-mach na Gearmailt. Chaidh comhairle ionadail ùr a chruthachadh ann an 1993, a' gabhail a-steach Bad-Colberg, Einöd, Gerllerhausen, Heldburg, Holzhausen, Lindenau agus Völkershausen fo aon phrobhaist.[6]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Luft Linie
- ↑ Destatis
- ↑ Köblergerhard
- ↑ Burgenstrasse
- ↑ Thüringer Schlösser
- ↑ Heldburger Unterland