Na Hearadh
Na Hearadh | |
An Cliseam agus Abhainn Mharaig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Comhairle nan Eilean Siar |
Innis-mhuir | Na h-Eileanan Siar |
Co-chomharran | 57° 54′ T 6° 48′ I |
Comharradh-clèithe | NB155005 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,916 (2001[1]) |
'S e eilean fada mun iar-thuath air chost an iar Gàidhealtachd na h-Alba a tha anns Na Hearadh. Ged a tha e ceangailte ri Leòdhas, tha e air fhaicinn mar eilean ann fhèin. San t-seann aimsir, bha an t-ainm air a sgrìobhadh "Na h-Earadh", ainm a thàinig sìos thugainn bho na seann Lochlannaich.
Tha cruth na tìre ag atharrachadh bho thuath gu deas anns Na Hearadh. Tha tuilleadh bheanntan air ceann a tuath Na Hearadh, agus gheibhear a' bheinn as àirde sna h-Eileanan an Iar ann (Cliseam - àirdead 799m). Tha na rathaidean gu Hùisinis neo Reinigeadal air a' cheann a tuath iongantach is eagalach aig an aon àm, a chionn ‘s gu bheil iad an dà chuid cas agus caol, ach le seallaidhean brèagha is eireachdail.
Tha am baile as motha, an Tairbeart, le port aiseig agus iomadach bùth, air a shuidheachadh far a bheil an t-eilean cha mhòr roinnte le "tairbeart" chaol - àite far an do tharraing na Lochlannaich bho shean na bataichean aca thairis air isthmus. An ear air an Tairbeart, tha an t-Eilean Sgalpaigh na Hearadh ceangailte ris na Hearadh le drochaid. Aig ceann deas an eilein tha Ròghadal ainmeil airson eaglais meadhon-aoiseach, an Eaglais Chliamhain.
San àird an ear, eadar an Tairbeart is Ròghadal, tha rathad air an oirthir air an tug daoine an t-ainm “the Golden Road”, a chionn ‘s gun deach a leithid a dh'airgead a chosg ga thogail. Tha e a’ ceangal nam bailtean beaga air an oirthir ri chèile. Ann an ceann a deas na Hearadh chan eil na beanntan cho àrd agus a tha an fheadhainn san taobh tuath, ach tha iomadach tràigh gainmhich, air an comharrachadh le gainmheach brèagha geal, air a' chosta an iar.
Eilean
[deasaich | deasaich an tùs]- Abhainn Suidhe
- Boraraigh
- Ceileagraigh
- Easaigh
- Pabaigh
- Sgeotasaigh, Sòdhaigh Beag, Sòdhaigh Mòr, Sgarabhaigh, Siolaigh, Sròmaigh, An Sgarp
- Tarasaigh, Thearnatraigh, Taghaigh
Cultar
[deasaich | deasaich an tùs]Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]- An Cliseam, Caolas Shódhaigh, Caolas na Hearadh
- Eilean Glas
- Roineabhal
- Loch A Siar, Loch an Tairbeairt
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Island Populations”. Comhairle nan Eilean Siar. Air a thogail 31mh dhen Fhaoilleach 2015.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Fiosrachadh mu na Hearadh a Deas agus Leverburgh; dealbhan
- Fiosrachadh mu na Hearadh aig "Explore Hebrides"
- BBC Naidheachdan 2016-07-11: Sgeama haidro na Hearadh a’ dol
- BBC Naidheachdan 2016-08-29: Beanntan na Hearadh - 5mh Fhèis Beinne aig Urras Cheann a Tuath na Hearadh (aithris bhideo 1:52)
- BBC Naidheachdan 2016-12-06: Leasachadh taigheadais ga fhosgladh anns na Hearadh (aithris-bhideo 3:08)
- BBC Naidheachdan 2016-12-09: Beul-aithris na Hearadh ga claradh