Jump to content

An Cliseam

O Uicipeid
An Cliseam
beinn
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailNa h-Eileanan Siar Deasaich
Siorrachd eachdraidheilSiorrachd Inbhir Nis Deasaich
Suidheachadh cruinn-eòlaisNa Hearadh Deasaich
Domhan-leud is -fhad57°57′49″N 6°48′50″W Deasaich
Comharran-cléithe SONB154073 Deasaich
Map
Mullach am Cliseam

'S e beinn air Ceann a Tuath na Hearadh a th' anns a' Chliseam. 'S e a' bheinn as àirde sna h-Eileanan Siar a th' ann, agus 's i an Corbett a-mhàin ann an Innse Gall. Tha slighean gu leòr suas a' bheinn, agus tha sealladh math bhon mhullach. Tha aon shlighe chumanta a' dol suas bho àite-parcaidh ri taobh an rathaid eadar Steòrnabhagh agus an Tairbeart. Tha slighe eile thairis air cruadh-eich a' Chliseim a tha a' tòiseachadh aig ceann a tuath Abhainn Scaladail agus a' dol suas air Mullach an Langa. Tha seallaidhean on mhullach a' nochdadh beanntan a' chruidhe-eich: An t-Isean, Mulla bho Dheas, Mulla bho Thuath, agus Mullach an Langa. Tha a' bheinn mu 799 meatairean (2,621 troighean) a dh'àirde.