Sgalpaigh na Hearadh
Coltas
Sgalpaidh na Hearadh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Na h-Eileanan an Iar |
Innis-mhuir | Na Hearadh |
Co-chomharran | 57° 51′ 56″ T 6° 40′ 25″ I |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 6.53 km² |
Àireamh-shluaigh | 323 (2001) |
Dlùths | 49.46/km² |
- 'S dòcha tha thu a' lorg Sgalpaigh an t-Sratha.
'S e eilean faisg air na Hearadh a tha ann an Sgalpaigh (Beurla: Scalpay). 'S e Beinn Sgorabhaig an t-àite as àirde air an eilean.[1]
Cheangal an t-eilean seo chun na Hearadh le drochaid ann an 1997.[2] Chosg an drochaid £6.4 millean. Bha Kirsty Moireasdan, a bha 103 bliadhna a dh'aois, a' chiad tè an slighe tarsainn na drochaide.[3]
Thogadh a' chiad thaigh-solais sna h-Eileanan Siar ann an Sgalpaigh, air an leth-eilean Eilean Glas, ann an 1789.[4]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Anna Chaimbeul, bàrd
- Cairistìona Mhoireasdan, laoidheadair[5]
- Mòrag NicLeòid, neach-rannsachaidh[6]
- Seumas MacLeòid, sgrìobhadair
- Seonaidh Fhionnlaigh 'an 'ic Alasdair, bàrd[7]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Scalpay” (Beurla). Gazetteer for Scotland. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Scalpay Bridge” (Beurla). Comhairle nan Eilean. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “20 bliadhna de Dhrochaid Scalpaigh”, BBC. 18mh dhen Dùbhlachd 2017. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Eilean Glas” (Beurla). Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Bliadhna nan Òran - Òrain : Sgrìobhaichean, Cairistìona Mhoireasdan”. BBC. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ MacCarmaig, Artair: “Morag Macleod - Scottish Traditional Music Hall of Fame”. Hands Up for Trad. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Bliadhna nan Òran - Òrain: Sgrìobhaichean, Seonaidh Fhionnlaigh”. BBC. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2017.