Seumas MacLeòid

O Uicipeid
Seumas MacLeòid
Beatha
Breith Sgalpaigh na Hearadh, 1880
Dùthaich  Alba
Bàs 1947
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-bùtha, sgrìobhadair agus saighdear

B' e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann an Seumas MacLeòid (1880–1947, Beurla: James MacLeod).

Rugadh agus thogadh e air Sgalpaigh na Hearadh. Sgrìobh e an nobhail Cailin Sgiathanach.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh MacLeòid ann an 1880. Chaidh e dhan sgoil ann an Sgalpaigh agus an uair sin dh'obair e mar bhuachaille air Tarasaigh. Nuair a dh'fhàg e na Hearadh chaidh e a Ghlaschu far an do dh'obair e ann am bùth. As dèidh grèis, dh'fhosgail e bùth dha fhèin. Chaidh e dhan airm aig àm a' Chiad Chogaidh agus thill e a Sgalpaigh as dèidh làimh. Phòs e Iona Chaimbeul às an Òban agus bha mac aca. B' e mac a pheathar am bàrd Norman MacCaig.[1]

Bhuannaich e an dàrna àite anns an farpais airson Crùn na Bàrdachd aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns an Òban ann an 1923.

Foillseachaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  • MacLeòid, Seumas (1923): Cailin Sgiathanach, no, Faodalach na h-Abaid. Glaschu: Alexander MacLaren & Sons. 
  • MacLeod, James (1928): A Highland waif: a story for a bottom dog (Beurla). Glaschu: Alexander MacLaren & Sons. 

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Moireasdan, Dòmhnall R. (1979): “Seumas MacLeòid,” ann an: Gairm, àir. 108, td. 353–54.