Hafnarfjörður
Hafnarfjörður
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Sgìre | Höfuðborgarsvæðið | ||||
Co-chomharran | 64° 3' 55 Tuath 21° 57' 16 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 143 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 29,799 (2019) | ||||
Dlùths | 208.38/km² | ||||
Àireamh fòn | + 354 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile agus port air an àirde an iar Innis Tìle a th’ ann an Hafnarfjörður (IPA: ˈhapnarˌfjœrðʏr). Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, aig 39m os cionn ìre na mara,[1] san roinn Höfuðborgarsvæðið (Roinn a' phrìomh-bhaile), eadar am pàirc nàiseanta Reykjanesfólkvangur agus a' muir, 397km air falbh bho Akureyri agus 65km bho Selfoss.[2] Tha 29,799 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an treas baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík agus Kópavogur a th'ann an Hafnarfjörður. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðvesturkjördæmi.[4]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Hafnarfjörður a chlàradh airson a'chiad turais ann an Landnámabók anns an 9mh linn. B' ann ann an 1533 ann an Hafnarfjörður a chaidh a'chiad eaglais Lùtaireach ann an Innis Tìle a thogail. 'S ann ann an Hafnarfjörður 's a tha Þorgerður Katrín Gunnarsdóttir, a bha na ministear an Iasgaich agus Àiteachas ann an riaghaltas Sjálfstæðisflokkurinn eadar 2003 agus 2009, agus an uair sin na ministear an Foghlaim ann an 2017,[5] a' fuireach ann.
Freumh-fhaclachd
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an t-ainm a' ciallachadh Port an Loch Mara sa chànan aca, bho höfn (Port) agus fjörður (Loch mara).
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Guðmundur Emil Jónsson (1902 - 1986): Neach-poileataigs.
- Ragnheiður Gestsdóttir (1953): Sgrìobhadair.
- Stefán Karl Stefánsson (1975): 2018): Actair.
- Rósa Björk Brynjólfsdóttir (1975): Neach-poileataigs.