Jump to content

Gneiss Leòdhasach

O Uicipeid
Gneiss Leòdhasach, mu 5 cilemeatair san iar-thuath air Loch an Inbhir
Mapa geòlasach a tha a' sealltainn sgaoileadh gneiss Leòdhasaich (ann am purpaidh)

'S e seòrsa de chlach a tha ann an gneiss Leòdhasach. 'S e aon de na clachan as sine air feadh an t-saoghail a th' ann is e eadar 3.0–1.7 billean bliadhna a dh'aois. 'S e clach chruth-atharrachail a th' ann, chaidh a cruthachadh à clach-ghràin agus gneiss.

Mar a tha ainm na cloiche ag ràdh, tha i gu math cumanta ann an Leòdhas, ach chithear i anns na h-Eileanan Siar air fad. Tha i ri faicinn gu h-àraidh ann an Rùm, Colla agus Tiriodh, agus air taobh an iar-thuath na Gàidhealtachd cuideachd.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]