Clach chruth-atharrachail

O Uicipeid
Gneiss anns na Hearadh a tha air am pasgadh

Canar clach chruth-atharrachail ri cloich aig an robh cruth na cloiche tùsanach ag atharrachadh fo bhuaidh a' phròiseas "metamorphism" (atharraich den chruth).

Ann an eòlas-talmhainn bhiodh sin a' tachairt fo teas eadar 150° is 200°C agus fo bhrùthadh na bu mhotha na 1500 bars, gheibhte atharrachaidhean fiosaigeach a bhiodh maireannach. Bhiodh meud nan clachan ag atharrachadh agus bhiodh gluasad a' phàtrain mhòir, mar a bhios iad nan laighe, ann. Biodh am pàtran no an structar am broinn nan clachan air caochladh gu mòr cuideachd.

Tha iomadh adhbhar ann airson a' phròiseas seo:

  • Nam biodh na clachan ìosal gu leòr fo bharr an talmhainn, far a bheil brùthadh gu leòr ann agus ìre-teothachd àrd gu leòr.
  • Nam biodh tìrean mòra a' bualadh ri chèile. (pròiseas tectonic)
  • Nam biodh magma bho bhroinn na talmhainn a' teasachadh nan clachan.

Seo cuid de na h-eisimpleirean:

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: