Jump to content

Glasag

O Uicipeid
Glasag
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Protista
Fìleam Chlorophyta
Clas Ulvophyceae
Òrdugh Ulvales
Teaghlach Ulvaceae
Gèineas Ulva
Spèiseas U. lactuca
Ainm saidheansail
Ulva lactuca Linnaeus, 1753
Briathran Gàidhlig eile
Leatas cuain

'S i glasag, no leatas cuain (Ulva Lactuca), aon sheòrsa feamainn a bhathas, agus a thathas ag ithe amh. Gheibhear air feadh an t-saoghail i.

Gabhaidh ithe mar sin fhèin, air neo ann am brot no sùgh. Tha tòrr iarann ann an glasag. Tha an seòrsa Enteromorpha Intestinalis càirdeach rithe, agus tha e math airson a bhith ga frithigeadh ann an ola. [1]

'S i glasag an seòrsa Albannach anns am bheil an tomhas as àirde de bhiotamain C. Dh' fhiosraicheadh bho chionn ghoirid gun robh an co-thàth, poilisacoraideach, (polysacchoride), a' nochdadh buaidhean antivìorasach nuair a chaidh as-tharraing às an fheamainn air a leth. Bha e a' lùghdachadh ràtaichean fri-fhillteach ann an iomadh seòrsa vìoras cinne-daonna, 's eun dhen chnatan-mhòr.[2]

A thaobh mean-fhàs, 's iad na h-Algae ghorma (Chlorophyta) as cudthromaiche, agus tha a' ghlasag na pàirt den chòmhlan seo. Tha a' mhòr-chuid dhiubh beò ann an uisge, ach tha a' ghlasag na pàirt den 13% a tha beò ann an sàl. [3]

Àiteachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an Iapan, a-rèir aithrisean, thathar a' togail agus a' buain seòrsaichean ghlasag ris an canar Aosa (アオサ)bho chionn 1930 ann an Linne Ise (伊勢湾)agus Linne Mikawa (三河湾). Tha àiteach Aosa feumach air bàgh, caol, caolas no camas sèimh socair, far am bheil tomhas an t-salainn san t-sàl rud beag nas lugha.[4]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Feum à Feamainn (DVD), Comhairle nan Eilean Siar
  2. [1] Flora Celtica
  3. BITH-EÒLAS - A' Chealla, Gintinneachd is Mean-fhàs; GAIRM, Glaschu, 1976; le Raghnall MacLeòid.
  4. [2] Làrach mhalairteach airson reic na glasaige (Iapanais).
Glasag (Ulva Lactuca)