Jump to content

Feamainn

O Uicipeid
Ceilp ann an Otago, Sealainn Nuadh

'S e seòrsaichean fàs-bheartan ioma-ceallach a tha a' fàs anns a' mhuir a tha ann am feamainn.

Cha lusan a tha annta, ach trì buidhnean eile, lìonanaich-ghorm, lìonanaich-dhonn agus lìonanaich-ruadh. Chleachdar feamainn mar bhiadh, mar stuth-mathachaidh agus san gnìomhachas ceimigeach.[1] ’S iad feamainn-bhuidhe, feamainn-dubh agus ceilp as cudromaiche ann an gnìomhachas na feamad.

Feamainn thilgte

[deasaich | deasaich an tùs]

B' e feamainn thilgte mar a theireadh iad ris an fheamainn a gheibhear air a' chladach anns a' gheamhradh. Thugadh an t-ainm sin oirre leis gum bi stoirmean bitheanta na ràithe a' fuasgladh na feamad bho na creagan gus am bi i a' tighinn air tìr na maoimean mòra.

Bhiodh na gillean a' dol don "chladach fheamann" le an cairtean, no le an eich fo chlèibh, uaireannan cho tràth ri trì uairean sa mhadainn gus a bhith a' freagairt air an t-seòl mhara.

Dh'fheumadh gach fear a bhith ann an àm gus a chuid fhèin de logamal a' chladaich a cheapadh.

'S e "bàrr-dearg" a thèireadh iad ri feamainn thilgte na Bealltainne. Cha robh uimhir a' tighinn air tìr dhith, ach am beagan a bhiodh ann, bhiodh e anabarrach geur sùghmhor agus bheireadh e a sùgh ann an ùine ghoirid.

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Rìaghaltas na h-Alba: Commercial Harvesting of Wild Seaweeds (Beurla). Air a tharraing 27 am Màrt 2016.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]