Gheorghe Gheorghiu-Dej
Gheorghe Gheorghiu-Dej | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||||
dhen Fhaoilleach 1945 - 1965
2 dhen Ògmhios 1952 - 2 dhen Dàmhair 1955 ← Petru Groza (en) ![]() ![]()
21 dhen Mhàrt 1961 - 19 dhen Mhàrt 1965 ← no value - Chivu Stoica (en) ![]() | |||||||||
Beatha | |||||||||
Ainm slàn | Gheorghe Gheorghiu | ||||||||
Breith | Bârlad, 8 dhen t-Samhain 1901 | ||||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||||
Bàs | Bucharest, 19 dhen Mhàrt 1965 | ||||||||
Àite-adhlacaidh |
Bellu Cemetery (en) ![]() | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse an sgamhain) | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Clann |
liosta
| ||||||||
Foghlam | |||||||||
Cànain | Romàinis | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus dioplomat | ||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||
Creideamh | |||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Comannach Romàinia |
B' e dealanair, neach-poileataigs agus deachdaire Comannach Stalineach à Romàinia a bh' ann an Gheorghe Gheorghiu-Dej (IPA: ˈɡe̯orɡe ɡe̯orˈɡi.u ˈdeʒ, ainm-baistidh Gheorghe Gheorghiu, Bârlad, 1 an t-Samhain 1901 - Bucharest, 19 am Màrt 1965).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Ortodogsach Clas-obrach - bha athair na obraiche. B' fheudar do Gheorghiu-Dej an sgoil fhàgail nuair a bha e dìreach 11 a dh'aois, leis cho bochd 's a bha a teaghlach.[2] Ghabh e ann an Aonadh-ciùird agus, ann an 1920, bha e an sàs ann an Strailc coitcheann. Chuir e seachadh na 30an a' cur air dòigh strailichean, ag iomairt às leth a' Phàirtidh Chomunnaich Romàinia agus a' dol a-mach 's a-steach dhan phrìosain air adhbharan poiliteagach. Nuair a thòisich An Dàrna Cogadh bha e air a phrìosanachadh ann an campa-prìosain le Riaghaltas Faisisteach Ion Antonescu ach b' fheudar dha theiche ann an 1944. An dèidh phurgaid nan Iùdhach às a' Phàrtiadh ann an 1952, chaidh ainmeachadh ceann-suidhe. Bha e gu math dlùth air Stalin agus chuir e an gnìomh polasaidhean Stalineachd mar cho-shealbhadh àiteachais agus gnìomhachasadh luath. Chaochail e le aillse-sgamhain ann an 1965.[3] B' e a dheagh charaid Nicolae Ceauşescu a bh' ann iar-theachdaire. Chreideadh Gheorghiu-Dej gum bu chòir do ghach uile ar-a-mach agus atharrachadh poiliteagach a bhith fo stiùir mion-chuid Stalinich proifeiseanta, an treabh dham buinneadh esan fhèin.[4]
Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Vladimir Tismăneanu, Fantoma lui Gheorghiu-Dej, Editura Univers, 1995.
- ↑ Dennis Deletant - Teroarea comunistă în România: Gheorghiu-Dej și statul polițienesc, 1948-1965, Editura Polirom, 2001.
- ↑ Gheorghe Apostol - Eu și Gheorghiu Dej, Ediție de casă, 1998
- ↑ Tismaneanu, V, The Tragicomedy of the Romanian Communist Party, East European Politics and Societies, 1989.