Bârlad
Coltas
Bârlad
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Co-chomharran | 46° 13 30' Tuath 27° 40 00' Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 15 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 55,837 (2011) | ||||
| Dlùths | 3,722.47/km² | ||||
| Àireamh fòn | +40 02 35 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
'S e baile eadar Bacău agus Galați, air an àirde an ear Romàinia a th' ann am Bârlad (IPA: bɨrˈlad, Ungairis: Barlád). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Bârlad fhèin, aig 100m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Vaslui. Tha 55,837 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann às an fhacal berlo (Gàidhlig: taigh) air neo birlo (Gàidhlig: boglach) ann an Cànanan Slàbhach agus an t-iar-leasachan Ungairis-ad s' a tha ainm a' bhaile.[2] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Moesia inferior. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1519. Ghabh feachdan an Aonaidh Sobhiataich os làimh a' bhaile air 24 an Lùnasdal 1944 mar phàirt na Foghail Jassy–Kishinev.