Jump to content

Garbhan MacAoidh

O Uicipeid
Garbhan MacAoidh
Beatha
Breith 1929
Dùthaich  Poblachd na h-Èireann
Foghlam
Cànain Esperanto
Dreuchd
Dreuchd neach-labhairt Esperanto

'S e sgrìobhadair sa' Ghàidhlig is san Esperanto agus eadar-theangaiche a tha ann an Garbhan MacAoidh (Beurla: Girvan Christie McKay).

Rugadh e 14 an Lùnastal 1929 ann an Todos Santos del Chaparé, Boilibhia, far an do dh'obair athair mar mhiseanaraidh. Dh'imrich an teaghlach don Spàinn, don Phortagail is b' ann ann an Glaschu a bha e na sgoilear eadar 1940 is 1946. Thill an teaghlach don Phortagail an dèidh a' chogaidh.

Nuair a bha e an sàs mar mhanaidsear sgoil cànanan ann am Manchester rinn e leasanan Gàidhlig far an do thachair e ris a bhean Máire. Dh'obair iad mar mhiseanaraidhean is tidsearan ann an Eilean nan Caorach is thrèanaich e mar mhinistear ann an Obar Dheathain. Bha e na mhinistear ann am Buenos Aires eadar 1969 is 1974, anns an Srath eadar 1974 is 1979, an sin ann an Tulach Mhór. Sgrìobh e clàr-amais sa' Bheurla airson an fhaclair Dwelly, mòran aistean ann an Gairm is san iris Esperanto Monato.[1]

Eadar-theangachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'fhoillsich e eadar-theangachaidhean Antonio Machado Ruiz agus France Prešeren ann an Gairm.

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • MacAoidh, Garbhan (1991): La Gaela lingvo en Skotlando : hodiaŭ kaj hieraŭ (Esperanto). Glaschu: Eldonejo Kardo. 

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Black, Ronald (1999): An Tuil: Anthology of 20th century Scottish Gaelic verse. Edinburgh: Polygon, td. 796.