Jump to content

Gaor Bheinn

O Uicipeid
Gaor Bheinn

Gaor Bheinn bho Ghleann Fionnlighe
Àirde (m) 987
Àirde (tr) 3,238
air liosta Marilyn, Beinn Rothaich
Suidheachadh
Gaor Bheinn is located in Alba
Gaor Bheinn
Gaor Bheinn (Alba)
Suidheachadh Frìth Loch Eil
Mapa cumadh-tìre OS Landranger 40, 41
Comharradh-clèithe NN00288757

’S e beinn ann am Frìth Loch Eil air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Gaor Bheinn, Beurla: Gulvain[1]. Tha e 987m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich iomallach a th’ ann. Tha e suidhichte eadar eadar Loch Airceig agus Loch Eil. Tha a druim a' ruith bhon deas dhan tuath agus tha dà mhullach air. Ged a tha trigpoint air mullach a deas na beinne, 's e mullach a tuath am mullach as àirde.

Tha ceum a' leantainn bhon rathad A830 eadar An Gearasdan agus Malaig tro Ghleann na Fionnlighe gu bonn na beinne. Mar as trice bithear an uair sin a' dìreadh air an druim chun nam mullach, agus a' tilleadh san aon dòigh[2]. Dh'fhaodadh cuideachd a cheangal le Bràigh nan Uamhachan agus Streap agus a' tilleadh bho sin a Ghleann Fhionghain[3]. Chan eil ceumannan ann ach anns na glinn, agus bithear a' dìreadh agus a' cromadh air leathadan cas, feurach.

Bho mhullach Gaor Bheinn gheibhear seallaidhean air beanntan Chnòideirt, Loch Cuaich, Loch Abar agus Àird Gobhair.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ordnance Survey Landranger 40
  2. Gaor Bheinn air Walkhighlands
  3. Gaor Bheinn agus Streap air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: