Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear (sgìre Phàrlamaid Westminster)
Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Jamie Stone |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 74,627 |
Mòr-chuid | 10,489 |
A' chiad taghadh | 1997 |
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear (Beurla: Caithness, Sutherland and Easter Ross).
Chaidh a cruthachadh ann an 1997 o phàirtean de Ros, Crombaidh agus an t-Eilean Sgitheanach agus Gallaibh agus Cataibh. Tha na seann shiorrachdan Gallaibh agus Cataibh agus san seann shiorrachd Rois, Alanais, Baile Dhubhthaich agus Inbhir Ghòrdain sna sgìre seo. Tha an Linne Chrombaidh na chrìoch a deas na sgìre.
Eadar 2005 agus 2024 bha i ann an crìch ri Ros, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar agus nise tha i ann an crìch ri Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar.[1]
Ann am Pàrlamaid na h-Alba tha dà sgìre ann, Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear, is Ros, An t-Eilean Sgitheanach agus Inbhir Nis an Iar.
Buill-Phàrlamaid
[deasaich | deasaich an tùs]- Jamie Stone (Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba) (2017–)[2]
- Pòl Monaghan (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–2017)[3]
- Am Morair Inbhir Theòrsa, Iain Thurso (Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba) (2001–2015)
- Raibeart MacGilleFhinnein (Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba) (1997–2001)
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Boundary maps”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2024.
- ↑ “Dàrna cunntais airson roinn Inbhir Nis”, Naidheachdan a' BhBC. 5mh dhen Iuchar 2024. Air a thogail 8mh dhen Iuchar 2024.
- ↑ http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/32652192
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “An Taghadh: Tagraichean Gallaibh, Cataibh is Ros an Ear”, Naidheachdan a' BhBC. 7mh dhen Ògmhios 2024. Air a thogail 8mh dhen Ògmhios 2024.
- “Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear”, Naidheachdan a' BhBC. 17mh dhen Ògmhios 2024. Air a thogail 17mh dhen Ògmhios 2024.