Jump to content

Frida Kahlo

O Uicipeid
Frida Kahlo
Beatha
Ainm slàn Magdalena Frida Carmen Kahlo
Breith Coyoacán (en) Translate agus Meagsago, 6 dhen Iuchar 1907
Dùthaich  Meagsago
Bàs Coyoacán (en) Translate agus Meagsago, 13 dhen Iuchar 1954
Àite-adhlacaidh Coyoacán (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (bronchopneumonia (en) Translate
eambolas nan sgathan
phlebitis (en) Translate)
Teaghlach
Athair Guillermo Kahlo
Cèile Diego Rivera (en) Translate  (21 dhen Lùnastal 1929 -  6 dhen t-Samhain 1939)
Diego Rivera (en) Translate  (1940 -  1954)
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd peantair
Àitichean-obrach Meagsago, Detroit, San Francisco (mul) Translate agus Eabhraig Nuadh
Obraichean comharraichte Still Life: Pitahayas (en) Translate
The Two Fridas (en) Translate
Gluasad os-fhìreachas
fìorachas druidheil
Gnè ealain portrait painting (en) Translate
self-portrait (en) Translate
portrait (en) Translate
Creideamh
Creideamh neo-dhiadhaireachd
Pàrtaidh poileataigeach Mexican Communist Party (en) Translate
IMDb nm1085710

Bha Frida Kahlo (6 an t-Iuchar, 190713 an t-Iuchar, 1954) 'na peantair is na dealbhadair Meagsaganach an dualchais dhùthchasaich a dùthaich ann an dòigh a' cur còmhla fìorachas agus samhlachas, neach-taic làidir na Comannachd, agus a bhean-phòsta na lì-dhealbhadair de dealbhan-balla agus de ciùbachd na Meagsago, Diego Rivera.

Bha Kahlo comharraichte air a fiamh neo-ghnàthach, gabhail a-staigh cudthrom air a malaichean (aon-mala) agus feusag-bheòil ghann nach do ghabh i de (ged ann an fìrinn, cha robh feusag-bheòil aice agus bha a malaichean air leth; leasaich i a-mhàin sgeadachaidhean 'na fèin-dealbhanr), agus a roghainn de aodach dealbhta gu rìomhach, air tharraing às aodach dualchasach na Meagsago.

Beatha mhoch

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Kahlo Magdalena Carmen Frieda Kahlo y Calderón 'san taigh aig a pàrantan sa' Choyoacán, a bha 'n uair sin 'na bhaile beag air iomall a' Bhaile-mhòr Mheagsago. Bha a h-athair 'na dealbhadair agus dealbhaiche de cùl Gearmailteach-Ungaireach, a thòisich a theaghlach às an Oradea, Romània. Bha a màthair, Matilde Calderón y González, de sinnsearachd Spàinneach agus Ameireaganach-Dùthchasach. Dh'fhulaing Frida deannal le critheanachadh aig sia bliadhna, a rinn a cas deas a' nochdadh mòran as caoile na 'n cas eile. Fhathast, leis a' mhèinn bhrais a chum i tro a beatha, cheannsaich i a ciorram.

Fhuair i leòntan troman ann an sgiorradh-trafaige uamhasach 'san 1925; bhuail troilidh am bus a bha Kahlo a' marcachd; fhuair i smior-colbh briste, cnàimh-an-ugha briste, aisnean briste, ìochdar briste na bronna, aon brisidhean deug ri a cas deas, cas brùite 's air chur à àite a, gualan air chur à àite, bha slat iarainn tro a broinn air a shàthadh, a' sàthadh a machlag. Do bhrìgh nan leòntan ri a h-ìochdar na bronna 's a machlag, cha b' urrainn dhi pàisdean a bhreith, fìrinn a ghabh dhi àm fada a ghabhail ri. Rinn a toil ri mhaireann i comasach a mhaireann a leòntan agus ag ath-bhuannachadh a cumhachd ri choiseachd, ach bhiodh ath-thuiseachaidhean de acaid anabarrach aic' a leamhaicheadh i fad a beatha. An dèidh dhan sgiorradh, thionndaidh Kahlo a h-aire bho dreuchd an leigheis ri dealbhadaireachd. A' tarrang bho a mothachaidhean pearsanta, th' a h-obair gu tric oillteil 'nan riochdachadh rùisgte na h-acaid agus na beathannan garga nam mnathan. Tha caogad-còig a ceud dealbhan 's ceathrad-trì 'nam fèin-dealbhan a bheil coimeasgachadh samhlaireachd pearsanta iomlan le iomraidhean soilleir (agus tric oillteil). Bha i air stiùireadh cuideachd le dualchas dùthchasail na Meagsago, seallaidhean a riochdaich i le dathan soilleire, le cumasg an fhìorachais agus an t-samhlaireachd.

Dreuchd ri dealbh-lìobhair

[deasaich | deasaich an tùs]
Frida Kahlo le Diego Rivera sa' bhliadhna 1932

Mheall a dealbhan an aire an neach-ealain Diego Rivera, a phòs i nas fhadalaiche, dhealaich à, agus phòs a-rithist. 'S air ràdh a bhuail Rivera ann am braisean na feirge Kahlo. Cha bu mhath leis a' mhàthair Fhrida Diego 's chan i ris a' phòsadh ris "A' Phòsadh eadar ailbhean agus calman," iomradh ri am meudan; nuair phòs iad an ciad àm, b'e 42, thar 6 throigh (1.83 m) a dh'fhaide, agus 22 clach (136 kg); b'i 22, 5'3", agus 7 clach. Thuirt Kahlo aon uair, "Dh'fhulaing mi dhà sgiorradh troma 'nam bheatha. Bha aon nuair bhuail an troilidh mi... 's e Diego a th' anns an sgiorradh eile."

Bh' am pòsadh doineannach, gu h-àraidh air an fhàinne Dhiego ri gnothaichean-drùise a-mach am pòsadh agus an nàdaran loisgeach, agus bha mòran dàimhean drùise a-mach am pòsadh aig araon dhiubh (bha Frida air bhàinidh nuair lorg i gun robh coinneachadh-drùise aig Diego le a piuthar, Cristina Kahlo). Cha do dh'fhalaich Frida an fhìrinn a bha i dà-mhiannach bho Diego; dh'fhulaing Diego a dàimhean le mnathan nas fheàrr na a dàimhean le fir, a rinn e fìor-eudmhor. Bhris an càraid am pòsadh, ach phòs iad a chèile 'rithist sa' bhliadhna 1940, ged cha robh an aontachadh nas lugha na garbh.

Bliadhnaichean fadalach

[deasaich | deasaich an tùs]

Neach-leanmhainn dìleas Comannach, ma dh'fhaodte bha suirghe aig Kahlo le Leon Trotsky, a bh' air mharbhadh le foill aig a dhachaigh sa' Bhaile-mhòr Mheagsago le luchd-ionaid Stalin 'san 1940. Uaireigin an dèidh dham bhàs Throtsky, chaidh Frida 'n aghaidh a caraid sean agus thug suas air an Aonadh Sòibhiat fo Stalin. Bhruidhinn i mu dheidhinn Mao gu soirbheasach, ainmichte 'n t-Sìne "An Dòchas Sòisealach Nuadh". Bh' a dhachaigh maisichte le ealain sòisealach, a' gabhail a-stach dealbhan de Marx, Engels, Stalin, agus Mao.

Ged bha 'n obair Kahlo seòrsaichte air uairibh ri os-fhìreach agus dh'fhoillsich i iomadh amannan leis na luchd-os-fhìreachas Eòrpach, chonnsaich i an t-ainm. A ro-oidhirpich le cuspairean boireannach agus an saor-chridheachd a bhrùth i a-mach le, rinn e i rudeigin de samhail na beanalachd 'sna deicheadan deireannach na linn 20mh.

Bhàsaich Kahlo air 13 an t-Iuchar, 1954, de tachdadh sgamhach. Tha a luaithre air chur ann am bior-phoit ro-Cholumbianach a bheil air fhoillseachadh 'na taigh sean La Casa Azul sa' Choyoacán, an taigh a bhith air thionndadh 'steach do taigh-gleidhidh a' cumail roinn a h-obrachan.

Sgaoil film aithriseach, Frida Kahlo anns a' Ghearmailt ann an 1882. 'San 1984 dh'fhuasgail an stiùireadair Paul Le Duc am film Frida, naturaleza viva, le Ofelia Medina nochdadh cho Frida Kahlo. 'San 2002, dh'fhuasgail Miramax dealbh-ghluasaid ainmichte Frida, le Salma Hayek nochdadh sa' phrìomh-dleasnas.

B' ainmeil Kahlo air a coltas neònach, a' gabhail a-staigh a malaichean oscarach (aon-mala) agus stais ghann a cha do chuir i air imrich.

A dh'aindeoin a beatha a' phèin 's an fhulangais, bha Frida Kahlo 'na bean beòthail, fosgarra a bha a cainnt làitheil lìonta le gràisgealachd. Bha i 'na caile-bhalach 'na h-òige 's ghiùlain i a dèine feadh a beatha. Dh'òl i deoch làidir mar bha i 'na h-uisge, bha i 'na bean-an-taighe de hò-ro-gheallaidhean far a sheinn i òrain drabasta 's dh'aithris i abhcaidean drabasta co-ionnan ri a h-aoighean.

Frida Kahlo agus Alba

[deasaich | deasaich an tùs]

Sgrìobh Michael Marra an t-òran Frida Kahlo's Visit to the Taybridge Bar ('Chuairt Frida Kahlo air an Tay Bridge Bar').[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Wilson, Alan: “Frida Kahlo finally makes her visit to the Tay Bridge Bar”, The Courier. 2na dhen Mhàrt 2013. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020. 
  • Kahlo, Frida (1998): The Diary of Frida Kahlo. An intimate Self-Portrait. Abradale Press. ISBN 0-8109-8195-5. 
  • Kahlo, Frida (1995): ann an: Martha Zamora: Cartas apasionadas (The letters of Frida Kahlo) (Spàinntis). Chronicle Books. ISBN 0-8118-1124-7. 

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: