Frauenkirche

'S i am Frauenkirche (“Eaglais na Mnà”) ann an Dresden aon dhe na h-eaglaisean as àile anns an stoidhle baroc. Chaidh an eaglais a thogail eadar 1726 is 1743.
An t-seann eaglais
[deasaich | deasaich an tùs]
Bha eaglais bheag anns an àite seo bhon 11mh linn a-mach ris an canar Kirche zu unser liuben Vrouwen. Tha an t-ainm a' ciallachadh: "Eaglais do ar mnaoi gràdhaiche" agus a' toirt urram do Mhoire. Is dòcha gum b' e sin an eaglais a bu shine a bha ann an Dresden.
A rèir an àrc-eòlaiche Reinhard Spehr chaidh a' chiad eaglais a thogail timcheall air 1060[1], agus tha e coltach gun chaidh i a dhèanamh le fiodh.[2] Anns an 12na linn thogadh eaglais à clachan a chaidh a leudachadh anns an stoidhle Gotach anns an 14mh linn.[1] Aig àm an Àth-leasachaidh dh’atharraich an Eaglais Chaitligeach chun na h-Eaglaise Pròstanaiche. Aig toiseach na 18mh linn bha an eaglais a' fhàs seann, bha eagal air muinntir Dresden gum biodh i a' briseadh. Agus cha robh i mòr gu leòr airson àireamh an luchd creideamh a bha a' fàs gu math luath. Mar sin chaidh an eaglais seo a leagail ann an 1727.
Am Frauenkirche
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an eaglais ùr, am Frauenkirche, a thogail eadar 1726 is 1743 a rèir nam planaichean a chruthaich George Bähr. Bha an rìgh August der Starke ag iarraidh eaglais ann an stoidhle coltach ris an àrd-eaglais anns an Ròimh no an eaglais Santa Maria della Saluteno ann an Venezia.
An toiseach chruthaich Bähr eaglais air a bheil "dome" à fiodh is copar. Ach air sgàth 's gun robh an t-airgead gann, dh'atharraich e am plana aige agus chuir e dome à clachan-gainmhich oirre a bha fada na bu shaoire ach fada na bu truime. Tha an dome cho àird ri 96 m agus cho trom ri 12,000 tunna. Tha e coltach ri clag agus canar die Steinerne Glocke (clach-clag) ris. Bha deasbad mòr ann am biodh an togalach seasmhach gu leòr airson a bhith a' seasamh ris a' chuideam. Ach bha, agus bha am Frauenkirche ri fhaicinn bho astar fada ann am bun-sgòth Dresden airson 200 bliadhna.
Chaochail George Bähr 16 am Màrt 1738 ann an Dresden, còig bliadhna mus robh am Frauenkirche deiseil. Chaidh a thìodhlacadh am broinn na h-eaglaise.
An Dàrna Cogadh
[deasaich | deasaich an tùs]
Anns an Dàrna Cogadh bha Dresden air a mhilleadh gu mòr air , gu h-àraidh eadar an 13mh is 15mh dhen Ghearran 1945 nuair a chaidh mòran bhomaichean a' leigeil air a' bhaile leis na Breatannaich is na h-Aimeireaganaich. Bha na bomaichean a' losgadh an t-seann-bhaile agus bha am Frauenkirche air a milleadh leis an teine mhòr. Bha an teine am broinn na h-eaglaise cho teth ri 1200° C, mar sin bhris na clachan-gainmhich às a chèile. Aig 10 uairean sa mhadainn 15 an Gearran bhris na ballaichean às a chèile agus bha an dome a' tuiteam am broinn an togalaich.
An dèidh a' chogaidh, aig àm GDR ann an 1962, dh’iarr comhairle a' bhaile pàirce-chàraichean a chur an àite. Ach bha muinntir Dhresden an-aghaidh a' phlana sin. Chleachd iad na tobhtaichean gus cuimhne a thoirt don fheadhainn às an teaghlach aca a chaidh a mharbhadh anns a' chogaidh, gu h-àraidh don fheadhainn a bha air an caill gun tìodhlacadh ceart. Chuir iad rosan ris na clachan briste. Mar sin dh’fhàs an àite seo cudromach mar chuimhneachan-daoine agus ìomhaigh an-aghaidh chogaidhean.
Bhon bhliadhna 1982 a-mach thòisich coinneamhan-sìthe a bhith ann an seo cuideachd. Gach 13mh an Gearran bhathar a' coinneachadh an seo gu math sàmhach agus a' toirt flùraichean agus coinnlean ris an tobhta. Aig an deireadh , ann an 1989, bha nas motha na 10.000 duine a' gabhail pàirt anns a' ghluasad sìthe seo. Mu dheireadh thall bha sin a' leantainn, (le tachartasan eile) gu ath-aontachadh na Gearmailt ann an 1989.
Ath-thogail
[deasaich | deasaich an tùs]An dèidh ath-aonachaidh na Gearmailt thòiseachadh air an eaglais a thogail a-rithist anns an stoidhle tùsail ann an 1994. Bha mòran daoine is buidhnean eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail an sàs anns an obair seo. Mar eisimpleir chruthaich Alan Smith à Lunnainn crois ùr an stìobaill. B’ esan mac an athair a b' e aon de na stiùireadairean plèana a chuir bomaichean air Dresden. [3]
Anns an 30 an Dàmhair 2005 bha a' chiad aifreann a-rithist anns am Frauenkirche. An-diugh 's e samhla na rèiteachd is na sìthe a tha anns am Frauenkirche.
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Am Frauenkirche ann an 1897
-
Tobhta na h-eaglaise
-
ann an 2003
-
An crois a chruthaich Alan Smith
-
ann an 2008
-
Am broinn na h-eaglaise
-
Am broinn na h-eaglaise
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Spehr, Reinhard (1994): “Grabungen in der Frauenkirche von Nisan/Dresden”, Ann an:Judith Oexle (deas): Frühe Kirchen in Sachsen. Ergebnisse archäologischer und baugeschichtlicher Untersuchungen. (Gearmailtis). Stuttgart: Konrad Theiss, td. 211.
- ↑ Kobuch, Manfred (2002): “Die Anfänge der Dresdner Frauenkirche”, Ann an: Die Dresdner Frauenkirche. Jahrbuch 2002. Weimar: Hermann Böhlaus Nachfolger, td. 52.
- ↑ Naidheachdan BBC
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Duilleag oifigeil Frauenkirche Dresden
- Die Dresdner Frauenkirche, Film mu eachdraidh na h-eaglaise, bhideo air Tbh Gearmailteach
- Alan Smith: crois ùr an stìobaill (Gearmailtis)
- The Frauenkirche - Duilleag aig "Library of Congress" (Beurla)