Engativá
B' e baile agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Bogotá ann an Cundinamarca, Coloimbia,[1] a bh’ ann an Engativá. Tha am baile a' buntainn do Bhogotá a-nis.Tha teodhachd meadhanach dhe 14˚ aige.[2] Chaidh baile a stèidheachadh an seo leis na Spàinntich ann an 1537, ann an àite far an robh clachan Tùsanach roimhe. Chaidh Engativá a thoirt a-steach do Bhogotá (comhla ri Bosa, Fontibón, Subá, Sumapaz agus Usaquén) nuair a chaidh Sgìre Shòntaichte a chur air dòigh ann an 1957 fon deachdaire Gustavo Rojas Pinilla. Bha an Riaghaltas air a bhith a' gabhail ri atharrachadh mòr airson a' phrìomh-bhaile fiù' s bliadhnachan roimhe ann an 1945,[3] ach chan fhaodadh càil a dheànamh air sàilleabh gu robh cogadh sìobhalta ann. Thoisich Julio César Turbay Ayala, a bha na cheann-suidhe eadar 1978 agus 1982, ann am poileataigs mar chomhairliche ann an Engativá ann an 1937.[4] Rinn Alfonso López Michelsen an aon rud ann an 1938. 'S ann às an ainm Inga agus tivá (Gàidhlig: ceann-feadhna) ann am Muisca a tha an t-ainm.