Donetska Oblast
Donetska Oblast Донецька область
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Prìomh-bhaile | Donetsk (de jure) Kramatorsk (de facto) | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 26,517 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 4,100,280 (2021) | ||||
Dlùths | 154.63/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 62 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Donetska Oblast (Ucràinis: Донецька область, ainm neo-fhoirmeil: Donechchyna). 'S e Donetsk fhèin 's a th' ann prìomh-bhaile na roinne de jure, ach 's Kramatorsk a tha a' dèanamh a' ghnothaich fhad 's a tha an cogadh ann.[1] Tha i suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, faisg air na crìochan leis An Ruis. Le 4,100,280 neach-còmhnaidh, 's ann aicese 's a tha an àireamh-sluaigh as motha na oblast no oblast sam bith eile san Ucràin.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuinneadh talamh ann an ceann a tuath na h-oblast gu Slobozhanshchyna anns na 17mh Linn agus 18mh Linn, air crìochan a deas Iompaireachd na Ruise. Chaidh Donetska Oblast fhèin a chruthachadh ann an 1932 le pìosan bho Kharkivska Oblast, Dnipropetrovska Oblast agus Kharkiv fhèin. Chanadh Yuzivka Oblast ris fo na Nàsaich eadar 1941 agus 1943 agus an uair sin Stalino Oblast gu ruige 1961.[2] Rinn an Holodomor - Gort na h-Ucràine - droch sgrios air an sgìre seo agus chaochail 230,800 leis an acras.[3] Bhòt 83.9% nan daoine ann an Donetska Oblast airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[4]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Arkhip Kuindzhi (1841 - 1910): Peantair.
- Sergei Prokofiev (1891 - 1953): Ceòl-sgrìobhaiche.
- Andriy Zhdanov (1896 - 1948): Neach-poileataigs.
- Emma Andijewska (1931): Bàrd.
- Vasil Marsyuk (1938): Bàrd agus sgrìobhadair.[5]
- Natan Sharansky (1948): Neach-poileataigs.
- Viktor Yanukovych (1950): Neach-poileataigs.
- Viacheslav Voron (1967): Dannsair.
- Neda Nezhdana (1971): Bàrd agus neach-aithris.
- Natalia Veselnitskaya (1975): Neach-lagha.
- Siouzana Melikián (1986): Cleasaiche.