Dòmhnall Ruadh Chorùna
Dòmhnall Ruadh Chorùna | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Am Baile Sear, 9 dhen Iuchar 1887 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Loch nam Madadh, 13 dhen Lùnastal 1967 |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Obraichean comharraichte | An Eala Bhàn |
Gnè ealain | bàrdachd |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Arm Bhreatainn |
Strì | An Cogadh Mòr |
B' e bàrd a bh' ann an Dòmhnall Ruadh Chorùna, no Dòmhnall Dòmhnallach (9 an t-Iuchar 1887 - 13 an Lùnasdal 1967).
Rugadh e ann an Corùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Bha am baile air ainmeachadh mar chuimhneachan air a shinn-seanair a bha na shaighdear aig Corùna san Spàinn ann an 1809.
Nuair a dh'fhàg Dòmhnall Sgoil Chàirinis ghabh e anns a' mhailisi. Chaidh e don Fhraing ann an rèisimeid nan Camshronach anns a' Chogadh Mhòr far an deach a leòn aig Blàr an Somme. Ged a thilleadh dhachaigh e fhad 's a bhathar ga leigheas thill e don Fhraing. 'S ann mun Chogadh a tha na dàin as ainmeile aig, nam measg 'Air an Somme', 'Illean, March at Ease', 'Òran Arras' agus 'An Eala Bhàn'.
Nuair a thàinig e dhachaigh às an Fhraing phòs Dòmhnall Anna NicDhòmhnaill (Anna Ruairidh 'ic Nèill) agus bha dithis chloinneadh aca. Bha Dòmhnall ag obair na chlachair agus tha a shàr-obair ri faicinn fhathast ann an corra thaigh an Uibhist a Tuath. Sgrìobh e tòrr bàrdachd mu chùisean coimhearsnachd agus mu shealg agus nàdar mun àm seo agus na sheann aois theann e ri òrain agus laoidhean spioradail.
Tha deagh chuid de bhàrdachd Dhòmhnaill ri leughadh ann an eagran an do fhoillsich Fred MacAmhlaigh ann an 1995[1] ach tha tòrr eile ann nach deach riamh an clò.
Foillseachaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- Dòmhnallach, Dòmhnall (1969): ann an: Fred MacAmhlaigh: Dòmhnall Ruadh Chorùna: òrain is dàin. Glasgow: Gairm.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ (1995): ann an: F. MacAmhlaigh agus S. A. Mac a' Phearsain: Dòmhnall Ruadh Chorùna.