An Eala Bhàn

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

'S e An Eala Bhàn òran gaoil le Dòmhnall Ruadh Chorùna.[1] Chaidh a sgrìobhadh sa Chogadh Mhòr mu dheidhinn nighean air an robh e measail ann an Uibhist a Tuath.

'S e seo fear de na h-òrain as ainmeile ann an ceòl na Gàidhlig. Bhuannaich e taghadh airson 'Òran na Bliadhna' ann an 2010 ann an iomairt a rinn BBC Alba.[2]

Òran[deasaich | deasaich an tùs]

Seo a' chiad rann:

Gur duilich leam mar tha mi
'S mo chridhe 'n sàs aig bròn
Bhon an uair a dh'fhàg mi
Beanntan àrd a' cheò
Gleanntannan a'mhànrain
Nan loch, nam bàgh 's nan sròm
'S an eala bhàn tha tàmh ann
Gach latha air 'm bheil mi 'n tòir.

Chan fhaodar an t-òran slàn fhaicinn an seo oir tha e fo dlighe-sgrìobhaidh. Chithear e agus Far an èistear ris air a sheinn le Iain MacAoidh, Calum Ceanadach, Dòmhnall Maccoinnich (Dòmhnall Chròic), Gòrdan Mckeeve, Karen NicMhathain, Neilidh Fearghasdan agus Seumas Greumach air làrach-lìn Bliadhna nan Òran.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. An Eala Bhàn air Làrach-lìn Bliadhna nan Òran aig BBC Alba. (leughte 22 Sultain 2014)
  2. Òran na Bliadhna air Làrach-lìn Bliadhna nan Òran aig BBC Alba. (leughte 22 Sultain 2014)

Ceanglaidhean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]