Diùcachd Württemberg
Coltas
Diùcachd Württemberg Herzogtum Württemberg | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1495 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1806 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Stuttgart, Bad Urach, Ludwigsburg | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis |
B’ e dùthaich neo-eisimeileachd am broinn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe anns a’ Ghearmailt a bh’ anns an Diùcachd Württemberg (Gearmailtis: Herzogtum Württemberg) eadar 1495 agus 1806. Chaidh an Diùcachd àrdachadh gu Rìoghachd ann an 1806 nuair a ghairm Napoleon Bonaparte gur e rìgh an àite diùc a bh' ann ceannard na Diùcachd ri linn atharrachadh mòr a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailt.[1] B’ e Stuttgart a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha, a bharrachd air greiseagan nuair a chleachdadh Bad Urach air neo Ludwigsburg na àite.[2] B' e an Teaghlach uasal Württemberg a bha os a cionn.[3] Fhuair e ainm bho chnoc air a bheil Württemberg a tha faisg air Stuttgart.
Ceannardan na Diùcachd
[deasaich | deasaich an tùs]- Eberhard I. (1495 – 1496)[4]
- Eberhard II. (1496 – 1498)
- Ulrich (1498 – 1550)
- Christoph (1550 – 1568)
- Ludwig (1568 – 1593)
- Friedrich I. (1593 – 1608)
- Johann Friedrich (1608 – 1628)
- Eberhard III. (1628 – 1674)
- Wilhelm Ludwig (1674 – 1677)
- Eberhard Ludwig (1677 – 1733)
- Karl Alexander (1733 – 1737)
- Carl Eugen (1737 – 1793)
- Eadar 1738 agus 1744 bha Carl Friedrich von Württemberg-Oels na riaghladair
- Ludwig Eugen (1793 – 1795)
- Friedrich Eugen (1795– 1797)
- Friedrich II. (1797 – 1806) Air chrùnadh na rìgh air 1 am Faoilleach 1806.