Deasbaireachd:Piuthar

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Nach eil sin nas fheàrr ann an gd.wiktionary.org? CreagNamBathais (an deasbaireachd) 08:01, 14 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)[reply]

’S e https://gd.wiktionary.org/wiki/piuthar an t-àite ceart don fhiosrachadh seo gun teagamh. Saoilidh mi gum biodh e ceart gu leòr a fhàgail an seo cuideachd, ge-tà, oir tha e caran inntinneach. Ach tha mi a’ smaoineachadh gur e mearachd a th’ ann ceangal a dhèanamh ris an duilleig seo bhon a h-uile facal “piuthar” sa Uicipeid, facal a tha gu math cumanta agus àbhaisteach anns a Ghàidhlig. Nam biodh cuideigin a’ leughadh aiste sa Uicipeid mu dheidhinn Anne Frank, mar eisimpleir, agus ma tha ceangal air an fhacal “piuthar”, bhiodh e an dùil gun toireach an ceangal sin e gu aiste mu dheidhinn piuthar Anne Frank, seach gu fiosrachadh mun fhacal “piuthar”. Faic: What should generally not be linked. --Caoimhin (an deasbaireachd) 13:18, 14 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)[reply]
Tha mi a' dol le Caoimhin, 's e facal cumanta a th' ann am piuthar agus mar sin cha bu chòir ceangal a bhith ann bhon a h-uile facal “piuthar” sa Uicipeid. Bhiodh e math cuideachd nam biodh an aiste rud beag nas fhaide na dìreach trì seantansan. --Sionnach (an deasbaireachd) 20:11, 14 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)[reply]