Jump to content

Deasbaireachd:Bràthair

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Tha an duilleag seo ceart gu leòr, chanainn-se, ged a bu chòir do dhuilleag mar seo a bhith sa Wiktionary, aig https://gd.wiktionary.org/, an àite na Uicipeid. Faic: Wikipedia is not a dictionary.

Ach gu deimhinn cha bu chòir dhut a h-uile facal “bràthair” sa Uicipeid, facal a tha thu math cumanta agus a thuigeas a h-uile duine, a cheangail ris an duilleig seo. Nan dèante sin, bhiodh ceangal air cha mhór a h-uile facal sa Uicipeid, agus cha bhiodh an luchd-cleachdaidh a’ faicinn na ceanglaichean anns a bheil fiosrachadh dha-rìreabh mun chuspair. Faic: What should generally not be linked. Ma tha ceangal air an fhacal “bràthair” ann an aiste mu dheidhinn Harry Lauder, mar eisimpleir, bu chòir do sin a bhith ag amas air aiste mu dheidhinn bràthair Harry Lauder, chan ann air fiosrachadh mun fhacal “bràthair”.

--Caoimhin (an deasbaireachd) 21:15, 13 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)[reply]

Tha mi ag aontachadh ri Caoimhin. Tha mòran mòran ceanglaichean ùr ann an-diugh agus chan eil iad feumail. --CreagNamBathais (an deasbaireachd) 21:32, 13 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)[reply]
Tha mi a' dol leibh. Mar sin sguab mi às cuid de na ceanglaichean gun fheum. --Sionnach (an deasbaireachd) 07:24, 16 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)[reply]