Cosagaich
Fo-sheòrsa de | military |
---|---|
Commanded by | hetman |
'S buidheann chinnidheach le freumhan Tatarach, agus iad nan tàmh ann an sgìrean far a bheil A' Phòlainn, An Ruis agus An Ucràin, a th' ann na Cosagaich (Pòlais: Kozacy, Ruisis Казаки, Ucràinis Козаки). 'S ann às an fhacal kazak ann an Cìorgais 's a tha Cosagach, a tha a' ciallachadh duine saor air neo baoghlair. Nochd am facal airson a' chiad turais ann an 1395.[1] Aig an toiseach tòisichidh b' e buidhnean loma-làn moghan, tràillean agus daoine a theich on arm a bh' annta uile gu lèir. Bha iad gu math neo-eisimeileach agus bha an dòigh bheatha aca air a stèidheachadh air sealgaireachd, rud beag àiteachas, iasgach agus creach. Chleachdadh riaghaltas na Ruise na Cosagaich gus a chrìochan a dhìon agus gus a chumhachd ann an Sibèirea a leudachadh.[2] Às deidh an Dàrna Cogaidh, chuir An t-Aonadh Sobhiatach mu sgaoil a chuid aonadan Cosagach san Arm Shobhietach, agus chaidh mòran dhualchasan Cosagach a chuir fodha tro na bliadhnaichean Stalin agus Hruŝëv/Brezhnev, na ceannardan a thàinig às a dhèidh. Aig àm Perestroika aig deireadh na 1980an, thoisich sliochd nan Cosagach an traidiseanan nàiseanta a dh' ath-bheothachadh. Ann an 1988, ghabh an t-Aonadh Sòbhieteach ri lagh a leigeadh le ath-stèidheachadh aonadan Cosagach agus a-rithist agus fiù's feadhainn ùra a cruthachadh. Anns na 1990an, dh' aontaich mòran ùghdarrasan roinneil cuid de dhleastanasan rianachd is poileis ionadail a thoirt seachad dha na coimhearsnachdan Cosagach aca.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Hill, Fiona; Gaddy, Clifford G. (2003). "Siberia - Plenty of Room for Error". The Siberian Curse: How Communist Planners Left Russia Out in the Cold. Brookings Institution Press, ISBN 0-8157-9618-8.
- ↑ А. Защук, Материалы для географии и статистики России, собранные офицерами Генерального штаба, Санкт-Петербург, Тип. Э. Веймара, 1862.