Cleachdaiche:Susan.nls/Tiotalan

O Uicipeid

Tiotalan[deasaich | deasaich an tùs]

Gu geàrr: 'S e tiotal ainm na duilleig. Nì e soilleir do leughadairean cò air a bheil an duilleag a-mach. Chan fhaod an aon tiotal a bhith aig barrachd na aon duilleag. 'S e deagh thiotal tiotal a tha sgiobalta, furasta ri aithneachadh agus a tha co-chòrdail ri tiotalan eile. 

Tiotal math[deasaich | deasaich an tùs]

'S e tiotal ainm na duilleig. Nì e soilleir do leughadairean cò air a bheil an duilleag a-mach. Chan fhaod an aon tiotal a bhith aig barrachd na aon duilleag.

Dè th’ ann an tiotal math?
  • Tiotal a thathas a’ cleachdadh ann an tùsan Gàidhlig earbsach eile (m.e. leabhraichean, air Radio nan Gàidheal, faclairean an latha-an-diugh msaa).
  • Tha an t-ainm a tha aithnichte leis a’ mhòr-shluagh nas fheàrr na ainm oifigeil no ‘ceart’.
  • Uaireannan 's beag fios a th’ ann air na tha aithniche leis a’ mhòr-shluagh agus feumar co-aonta a ruigsinn leis na cleachdaichean eile.

Seo eisimpleirean le tiotalan stèidhichte air an ainm cumanta, aithnichte, sgiobalta: Daoine

  1. Bill Clinton (chan e: William Jefferson Clinton)
  2. Lady Gaga (chan e: Stefani Germanotta)

Àiteachan

  1. An Rìoghachd Aonaichte (chan e: Rioghachd Aonaichte Bhreatainn is Eireann a Tuath )

Cuspairean eile

  1. Leomhann (chan e: pantera leo)
Cruth an tiotail
  • Cleachd ainm singilte, (Each, chan e: Eich)
  • Ach mas ann mu bhuidheann a tha an duilleag (Beanntan na h-Andes)
  • Seachnaich an t-allt (an, na). Tha alltan a’ leudachadh tiotalan aistean gun mòran susbaint agus faodaidh iad bhith doilleir nuair a thathas a’ lorg (Gàidhlig, chan e: a’ Ghàidhlig; Fàsach Sahara, chan e: Am Fàsach Sahara)
  • Ach nuair a tha e na phàirt riatanach do ainm-àite (An Gearasdan, Na Stàitean Aonaichte)
  • Seachnaich giorrachadh mì-shoilleir (Comhairle nan Eilean Siar, chan e: CnES; Bòrd na Gàidhlig, chan e: BnaG)
  • Ach nuair a tha an giorrachadh nas ainmeile, nas aithnichte agus nas soilleire na an t-ainm slàn (NATO, chan e North Atlantic Treaty Organization; BBC, chan e: British Broadcasting Corporation)
Cruth Gàidhlig ann no às?
  • Na cuir Gàidhlig air ainm dhuine, ainm-àite no tiotal film msaa mura h-eil tiotal Gàidhlig aithnichte ann (faic Poileasaidhean na h-Uicipeid).

Eadar-dhealachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Dè nì mi ma bhios an dearbh ainm air diofar daoine/àiteachan/rudan?

Tha dà dhòigh gus eadar-dhealachadh a dhèanamh nuair a tha diofar duilleagan ann leis an aon tiotal; gan eadar-dhealachadh le (mìneachadh), agus le duilleagan soilleireachaidh.

Eadar-dhealachadh cumanta[deasaich | deasaich an tùs]

Faodaidh tu fiosrachadh a bharrachd a chur ris an tiotal le cromag , mas e an aon seòrsa rud a th' ann

  • Inbhir Nis, Alba Nuadh
  • Inbhir Nis, Alba

Faodaidh tu fiosrachadh a bharrachd a chur ris an tiotal (mar seo), mas e diofar sheòrsaichean rud a tha ann;

  • Eabhraig Nuadh (stàit)
  • Eabhraig Nuadh (baile)
  • Iain Mac a' Ghobhainn (Iarsiadar)

Duilleag soilleireachaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Faodar cuideachd duilleag soilleireachaidh a chur ri chèile a bhios a' cruinneachadh thiotalan a tha coltach ri chèile ach le barrachd mhìneachaidh. Airson eisimpleirean, faic:

Airson a chur an gnìomh, cruthaich duilleag leis an tiotal a tha sa chumantas. Chuir {{Soilleireachadh}} aig bonn na duilleig.

Ath-stiùireadh[deasaich | deasaich an tùs]

Faodar ath-stiùireadh (redirect) a chur ann a bhios a' stiùireadh an leughadair bho aon tiotal gu tiotal eile. Tha sin feumail nuair a bhios daoine a' lorg ainm le litreachadh beagan eadar-dhealaichte no fon ainm Beurla, m.e.

Gus ath-stiùireadh a chur an gnìomh:

  1. Cruthaich duilleag on a bhios an ath-stiùireadh a' dol m.e. Anne Lorne Gillies
  2. Anns an duilleag, chuir ann: #REDIRECT [[Tiotal eile]] mar eisimpleir: #REDIRECT [[Anna Latharna NicGillÌosa]]

Gluasad[deasaich | deasaich an tùs]

Tha mi a' smaointinn gu bheil duilleag a' cleachdadh tiotal ceàrr. Dè nì mi?

[ri thighinn]