Ciudad Real
Ciudad Real
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Ciudad Real | ||||
Sgìre | Castilla-La Mancha | ||||
Co-chomharran | 38° 59' 21' Tuath 03° 55' 13' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 284.98 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 74,427 (2009) | ||||
Dlùths | 261.17/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 926 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
’S e baile meadhanach faisg air Toledo ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Ciudad Real (IPA: θjuˈðað reˈal). Tha e suidhichte aig 628m os cionn ìre na mara,[1] 204km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 583km bho Bharcelona.[2] Tha 74,427 duine a’ fuireach ann an Ciudad Real.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Ciudad Real a th' ann cuideachd.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e soilleir gur e dìreach dà fhacal san Spàinntis a th' ann an t-ainm seo: ciudad (Gàidhlig: baile mòr) agus real (Gàidhlig: rìoghail). Bheireadh sin Baile Rìoghail dhuinn sa chànan againne fhèin. Thug an rìgh Alfonso X ainm ùr dhan àite ann an 1255[4] o chionn's gur robh e a' feuchainn ris an sgìre a thoirt a-mach bho na Ridirean Calatrava.[5] B' e Pozuelo Seco de Don Gil (Gàidhlig: Tobar Thiomram Mhaighstir GhillEasbaig) a bh' ann an t-seann ainm.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile stèidheachadh ann an 1255 leis an Rìgh Alfonso X mar dhaingneachadh an aghaidh nan Ridirean Calatrava. Shabaideadh iad an aghaidh nam Muslamach agus Riaghaltas na Spàinne aig an aon àm. A dh'aindeoin sin, b' e àite far an robh Crìosdaidhean, Iùdhaich agus Muslamaich nan tàmh ann an sìth ri chèile fad linntean. Dh'aimeachadh Ciudad Real prìomh-bhaile na sgìre La Mancha ann an 1691, rud an tug sin piseach air eaconomaidh a' bhaile.[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Cha do thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach ach aig deireadh Cogadh Sìobhalta na Spàinne air 29 am Màrt 1939, trì latha mus do bhuannaich Francisco Franco.[8]
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Ciudad Real.[9] Cha tuit ach 402mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 701mm nas lugha na Steòrnabhagh(1173)[10] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Aemet
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Ciudad Real, 1500-1750: Growth, Crisis, and Readjustment in the Spanish Economy, Rahn Phillips C., HUP, Cambridge, Massachusetts, 1979
- ↑ Arte e Historia
- ↑ Medrano y Treviño D, Consideraciones sobre el Estado Económico, Moral y Político de la Provincia de Ciudad Real, Instituto de Estudios Manchegos, 1841
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Thomas H., La Guerra Civil Española, Paris, Ruedo Ibérico, Paris, 1976
- ↑ Climate Data
- ↑ Aemet