Teàrlach Mòr
Teàrlach Mòr | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
28 dhen Fhaoilleach 814 ← Desiderius (mul) - Bernard of Italy (en) →
9 dhen Dàmhair 768 - 28 dhen Fhaoilleach 814 ← Pepin the Short (en) , Carloman I (en) - Louis the Pious (en) →
25 dhen Dùbhlachd 800 - 28 dhen Fhaoilleach 814 ← no value - Louis the Pious (en) → | |||||||||
Beatha | |||||||||
Ainm slàn | Karlus | ||||||||
Breith | Francia (en) , Liège (en) agus Aachen, deichead 740 | ||||||||
Dùthaich | Francia | ||||||||
Bàs | Aachen, 28 dhen Fhaoilleach 814 | ||||||||
Àite-adhlacaidh |
Aachener Dom Palatine Chapel (en) | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | (disease (en) ) | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Athair | Pepin the Short | ||||||||
Màthair | Bertrada of Laon | ||||||||
Cèile |
Himiltrude (en) Desiderata of the Lombards (en) (770, 770 (Gregorian) - 771) Hildegard of Vinzgouw (en) (771, 772 (Gregorian) - 783) Fastrada (en) (783, 784 (Gregorian) - Luitgard (en) (794, 794 (Gregorian) - | ||||||||
Càraid |
Regina (en) Himiltrude (en) Madelgard (en) Gersuinda (en) Ethelind (en) | ||||||||
Clann |
liosta
| ||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||||
Fine | an rìgh-shliochd Carolingach | ||||||||
Foghlam | |||||||||
Cànain |
Laideann Grèigis Frankish (en) | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | monarc agus flaitheach | ||||||||
Àirde | 1.84 meatair | ||||||||
Tèarmann | |||||||||
18 am Faoilleach | |||||||||
Creideamh | |||||||||
Creideamh |
Eaglais Chaitligeach Crìosdaidheachd | ||||||||
B' e Teàrlach Mòr (742 no 747 - 28mh Faoilleach, 814, Charlemagne san Fhraingis, Karl der Große sa Ghearmailtis, Karel de Grote san Duitsis agus Carolus Magnus sa Laidinn) Rìgh nan seann Ghearmailteach ris an canar na 'Fraingich' agus an duine a stèidhich Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.
A bheatha
[deasaich | deasaich an tùs]B' e am mac as sine aig Rìgh Pippin Òg (cuideachd air ainmeachadh ' Pippin Goirid '). Nuair a bhàsaich Pippin, chaidh an rìoghachd aige a phàirticheadh ann an dà leth eadar a mhic - Teàrlach agus a bhràthair Carloman. Bhàsaich Carloman air an còigeamh latha den Dàmhair 771, mar sin a' fàgail Teàrlach Mòr mar cheannard na rìoghachd Fraingich aonaichte. Bha Teàrlach Mòr a' cogadh airson a' mhòr-chuid de bhliadhnaichean a rìoghachd - leis a' chlaidheamh ainmeil aige 'Joyeuse' na làimh. An dèidh trithead bliadhna de chogadh agus ochd blàran deug, cheannsaich e na Sagsonaidh - amas a bh' aig Ìmpire Augustus den Ìmpireachd Ròmanach ach nach robh na chumhachd a dhèanamh. An dèidh dha smachd fhaighinn air talamh no sgìre, dh'iompaich e na daoine chun a' chreideimh Chrìosdaidh. Stèidhich e Magdeburg ann an 805 agus ionad riaghlaidh ann an Worms cuideachd.
An ceann na 8mh linne thagh rìgh Teàrlach Mòr Aachen airson an rath a b' fheàrr aige. Thog e cill, "Pfalzkapelle", a tha na pàirt den àrd-eaglais Aachener Dom an-diugh, agus pàlas ìmpireil.
Teàrlach Mòr an-diugh
[deasaich | deasaich an tùs]- Bidh an duais "Karlspreis" ann airson a chuid obrach ro aonachd na Roinn-Eòrpa a h-uile bliadhna deasghabhail ann an talla baile Aachen.
- Ann an ceòl: Dh'fhoillsich Christopher Lee, cleasaiche agus seinneadair, clàr Meatailte Charlemagne: By the Sword and the Cross (2010)[1] agus clàr leanmhainn Meatailte truime Charlemagne: The Omens of Death (2013) mu dhèidhinn tachartasan beatha Theàrlaich Mhòir.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Michaels, Sean: “Christopher Lee to release 'symphonic metal' album”, The Guardian. 5mh dhen Fhaoilleach 2010.
- ↑ Farrell, John: “Christopher Lee Celebrates 90th Birthday By Recording Heavy Metal”, Forbes. 28mh dhen Chèitean 2012.
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- Oswald Holder-Egger (Ed.): Einhardi Vita Karoli Magni. (Monumenta Germaniae Historica, Scriptores rerum Germanicarum in usum scholarum separatim editi 25). Hahn, 6mh eagran. Hanòbhar 1911 (air loidhne)(eagran sgrùdach)