Cairgean
| An Cairgean | |
| Rangachadh saidheansail | |
| Rìoghachd | Archaeplastida |
| Fìleam | Rhodophyta |
| Clas | Rhodophyceae |
| Òrdugh | Gigartinales |
| Teaghlach | Gigartinaceae |
| Gèineas | Chondrus |
| Spèiseas | C.Crispus |
| Ainm saidheansail | |
|---|---|
| Chondrus crispus Stackhouse | |
| Briathran Gàidhlig eile | |
| Màthair na duilisg | |
'S e an cairgean (Chondrus Crispus) fear de na feamainnean dearga. Feumaidh e trì uisgeachan samhraidh airson fàs. Tha e a' fàs fada shìos air cladaich is creagan a' Chuain Siar san Roinn-Eòrpa agus Aimearaga a Tuath. Mar sin sin, chan fhaicear ach le tràigh mhòr mhòr e. Tha bàrr nan duilleagan aige carrach. Nuair a tha e ùr, tha e bog maothanach, uaireannan gorm-bhuidhe, no dearg, is uaireannan dubh-phurpaidh no donn purpaidh. Tha bodhaig mhaothanach aige, a tha air a dèanamh air a' phoilisacaraid, cairgeanan (55%), le 10% de phròtain is mu 15% de stuth mèinnireil. Tha e làn aidhiodain, clorofine is sulfur. Nuair a thèid a mhaothachadh ann an uisge, tha boladh na mara air, agus nuair a thèid a ghoil, nì e slamanachd air sgàth a' chealla-bhalla lìonta de phoilisacaraidean, a tha a' giùlan bho 20 gu 100 uibhir an truimead uisge aige.
Rann: Cairgean earraich, duileasg samhraidh, gruaigean foghair, stamh geamhraidh.[1]
Buaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Mar iomadh feamainn dearg eile, tha an cairgean làn tacsa[2], le co-thàthan mar aidhiodain is clorofine na bhroinn. Tha e coltach ri duileasg a thaobh buaidhean leigheasach math dha sheòl a' chnàmhaidh. Tha buadhan anti-slamanachd (anti-coagulant) aige agus tha e toirt faochadh do lotan iongarach an stamaig. [3]
Mar bhiadh
[deasaich | deasaich an tùs]
Gabhaidh An Cairgean a ghlèidheadh fad mhìosan ma thèid a thiormachadh an toiseach. Fàsaidh e geal nuair a bhios e tioram. Feumaidh e bhith cho tioram ris an smàl mus tèid a ghlèidheadh.
Bidh muinntir Èirinn is Alba a' dèanamh mìlseag dheth, a tha coltach ri binid[4] no blancmange. Thathas ga ghoil ann am bainne agus a' cur stuthan blasmhora eile a-steach ann mar shiùcar, faoineag, caineal, branndaidh, uisge-beatha is mar sin air aghaidh.[5]