Jump to content

Duileasg

O Uicipeid
Duileasg
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Eukaryota
Fìleam Rhodophyta
Clas Florideophyceae
Òrdugh Palmariales
Teaghlach Palmariaceae
Gèineas Palmaria
Spèiseas P. palmata
Ainm saidheansail
Palmaria palmata (Linnaeus) Kuntze, 1891

'S e duileasg (palmaria palmata) fear de na feamainnean dearga. Tha e dosrach goirid meanbh, ach tha e a' fàs gu math fada shìos a' chladaich. Mar seo, chan fhaighear ach le tràigh mhòr e.

Duileasg


Ann an Alba, gheibhear as t-samhradh e.

Tha rannan à beul-aithris ag innse seo Cairgean earraich, Duileasg samhraidh, Gruaigean foghar, Stamh geamhraidh.

Bha duileasg ga chleachdadh airson dath donn a dhèanamh agus ann an gnìomhachas an obair-aodaich.[1]

Thathas a' cleachdadh duileasg bho chionn linntean ann an Alba. Tha cunntas ann gun robh manaich Chaluim Chille ga ithe.[2]

'S ann an còmhnaidh as t-samhradh a bhathas ga ithe, ga glanadh san t-sàl 's ga h-ithe às a' chladach, air neo ga thoirt dhachaigh. Ged nach robh e cho pailt sin, bhite ga thoirt mar bhiadh dhan chruidh mar an ceudna.[3]

An dèidh nighe, tha duileasg uabhasach fhèin fallainn dhuit ma dh' itheas tu amh e,.[4] ged a tha e rud beag duilich a chagnadh mura h-eil deagh fhiaclan agad. Gabhaidh a cleachdadh ann an saileidean, a ròstadh, grìosadh no a tiormachadh.

Nuair a bhite ri iasgach no buain na feamainn air a' chladach, bhite ag ithe duileasg amh, ga chnuasachadh airson an t-acras a chumail air falbh, agus airson fradharc a leasachadh.

Bhite a' cagnadh duileasg ann an àite tombaca. Bhite ga nighe, 's ga ghearradh na phìosan beaga, 's an uairsin ga mheasgachadh le ìm gus blas a chur air, agus mu dheireadh, ga thiormachadh.

Bhite ga bhruich ann am bainne 's ga thoirt seachad le ìm mar shoitheach fa leth.

Bhathas ga cur gu feum mar leigheas ann an caochladh suidheachaidhean:-

Tha tòrr iarann innte. Mar iomadh fheamainn, tha tòrr aidhiodain ann an duileasg 's mar sin dheth, thathas a' cur duileasg gu feum ann a bhith a' làimseachadh trioblaidean an fhàireag sgiathaich.

Tha duileasg na chliabh-sgeitheach agus na leigheas-boiteig ma ghabhas tiormaichte i an dèidh trasg.

Bhathas a' gabhail seòrsa brot air am bheil càl duilisg gus teannachadh-innidh a làimhseachadh, agus mar ghiullachd airson galairean an stamaig agus tinneasan a' chraicinn san fharsaingeachd. Bhite ag ithe càl-duilisg gu co-dhiù nan seasgadan (1960an) ann an cuid de dh'àiteannan air a' Ghàidhealtachd. Tha rannan à beul-aithris ag innse mar cho fallainn is a tha duileasg:

Bheir càl duilisg is càl deanntaig snuadh air gruaidh mar mhadainn shamraidh.



Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. [1] Flora Celtica
  2. [2] Beul-aithris - Lusan a' Chladaich
  3. Facal Oirbh
  4. Feum à Feamainn (DVD), Comhairle nan Eilean Siar.

Ceangal a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]