Bùdachas
(Air ath-sheòladh o Buddhachd)
Jump to navigation
Jump to search
![]() | |
Bùdachas | |
Aois | mu 2500 bliadhna |
Neach-stèidheachaidh | Siddhārtha Gautama |
Cànan Cràbhach | Sanscrit Pali |
Leabhraichean Cràbhach | Na Sutra |
Sgoiltean | Mahayana Theravada An Tìr Ghlan Vajrayana Zen |
Thòisich | Na h-Innseachan |
Dùthchanan as treasa | ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() |
'S e creideamh agus feallsanachd a th' ann am Bùdachas (Sanscrit: Bauddha Dharma, बौद्ध धर्म), a chaidh a chur air bhonn leis an neach-teagaisg spioradail, am Buddha. Chaidh Bùdachas a stèidheachadh anns na h-Innseachan uaireigin eadar 600 agus 450 RC, agus anns an latha an-diugh, tha mu 500 millean Buddhach nan còmhnaidh anns gach dùthaich air feadh an t-saoghail. Tha Sìochantas gu math cudromach ann am Bùdachas.
Creideamh agus Feallsanachd[deasaich | deasaich an tùs]
Tha Bùdachas stèidhichte air na Ceithir Fìrinnean Urramach:
- 'S e nàdar ar beatha a th' ann 's gum fuiling sinn.
- Tha adhbhar air cùl an fhulangais againn.
- 'S urrainn dhuinn crìoch a chur air an fhulangas againn.
- 'S e an t-Slighe Ochd-cheumach aig a' Bhùda an rathad do chrìoch an fhulangais againn.
Sgoiltean[deasaich | deasaich an tùs]
Tha Bùdachas ga roinn ann an dà sgoil mhòr, Theravada, as cumanta ann an Àisia a Deas, Mahayana, as cumanta ann an Àisia a Tuath.
Mahayana[deasaich | deasaich an tùs]
Tha Mahayana fhèin ga roinn ann am mòran sgoiltean eadar-dhealaichte:
- An Tìr Ghlan
- Nichiren
- Shingon
- Tendai
- Vajrayana
- Zen