An Tìr Glan
Coltas
(Air ath-sheòladh o An Tìr Ghlan)
Tha Buddhachd na Tìre Glaine (Sìonais shimplichte: 净土宗; Sìonais thraidiseanta: 淨土宗; Pinyin: Jìngtǔzōng; Seapanais: 浄土仏教, Jōdo bukkyō; Coirèanais: 정토종, jeongtojong; Bhiet-Namais: Tịnh Độ Tông) am measg nan sgoiltean Bùdach as motha anns an t-saoghal, a chreideas gu sònraichte anns a' Bhuddha, Amitābha, a tha a' fuireach ann an Tìr Glan anns an taobh an iar. Mar sin, thèid an sgoil aithneachadh mar Buddhachd Amitābha cuideachd. Creididh luchd na sgoile, ma mheòraicheas iad gu dìleas air Amitābha, gun tig e aig àm am bàis agus gun toir iad dhan Tìr Ghlain iad, far an tèid an soillseachadh. Seinnidh cuid mantra sònraichte a' moladh Amitābha mar eileamaid dhen mheòrachadh aca.